Òran a' Phort Hardy

Òran air a sgrìobhadh le: Ailig Màrtainn (Froilig) agus air a sheinn le: Iain Dòmhnallach (Hoddan) agus màiri anna mhoireasdan.

This is a song written by: Ailig Màrtainn (Froilig) and sung by: Iain Dòmhnallach (Hoddan) and màiri anna mhoireasdan.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Nuair dh'fhàg sinne Auckland 'n dol fodha na h-oidhch',
'S a fhuair sinn fo òrdugh na ròpan thoirt innt',
Thàinig poidhleat air bòrd innt' le òrdugh bhon chinn
'S gun dèanadh e stiùireadh le shùil air an rinn.

Tha nise 'n uair a' tighinn fagas dhol dhan bharaille 'n àird,
Gu cumail oirr' faire bho sgaradh an là,
'S nuair bhios mi gam dhalladh aig cabhadh an t-sàil,
Thoir mo dhùrachd-sa dhachaigh gu cailin 'n fhuilt bhàin.

Mo shoraidh chun an luchd-ceàird chuir am Port Hardy na cèis,
A bhuail innt' gach ribheid bho steama gu stern.
Le pleitichean iarainn bha dìonach is glèidht',
Le einnseanan cruaidh ri toirt buaidh ri leum.

Tha cliù aig a' bhàta ud gu snàmh air a' chuan,
'S i a fhreagradh a stiùir chun na cùrsa 'n droch uair,
Bha scriuthaichean dùbailte, 's iad siùbhlach is geur,
'S bha log aig a quarter toirt àireamh dha luaths.

Na ceudan de mhìltean bho thìr bha i mòr,
Fairge dha-rìribh ri 'g èirigh mu sròin.
Cùrs' an ear-thuath againn shuas air a' bhòrd
Le fadachd gum buannaich i Cluaidh 's an King George.

'S ann tha 'n àmhghar 's an cunnart bhith siubhal a' chuain,
Gach oidhche agus latha muigh air faram nan stuadh,
Le dìth lòin agus cadail cumail fair' oirr' gach uair,
'S bhith ri 'g èisteachd ceòl na mara bristeadh geal oirr' mun cuairt.

Cha chluinn mi aig ceannaich', aig clachair no saor,
Air àmhghar na mara, cha dèan e dhomh inns';
Nuair thig esan dhachaigh 's e anshocair, sgìth
'S ann thèid e dhan leabaidh 's a chasan air tìr.

Air oidhche na Bliadhna Ùire bha sinn dlùth dhan Chanàl,
Bha na rionnagan ciùin, bha 'n aimsir cho blàth.
'S th' ann tha an oidhch' aig na balaich am baile mo ghràidh,
Bidh fèill air gach caileig, gan caithris gu latha.

Bha seòldairean gast' aig a' Chaiptean air bòrd -
Gun dèanadh iad cuibhreadh 's gu sploidhseadh iad ròp':
Bha aon dhiubh à Barraigh 's triùir bhalach à Leòdh's
'S Murchadh am balach a bh' againn na bhos'n.

'S truagh nach robh m' astar gu acarsaid m' òig,
Far an lìbhriginn an cargu air tràigh a' Mhoil Mhòir,
Far 'eil ribhinnean àlainn le Gàidhlig gu leòr,
'S a dhèanadh le aoibhneas dhuinn faighneachd dè ar beò.

Cuspair an Òrain - Am Port Hardy

Bha am Port Line a' ruith trì bàtaichean air an robh am Port Hardy. Dh'fhaodadh e a bhith air a ràdh nach e ainm uamhasach fortanach a bha ann airson bàta.

Anns a' Chiad Chogadh cha robh an t-ainm air a' chiad tè ach airson dà bhliadhna nuair a chaidh a cur fodha a-mach bho chladaichean Morocco, ann an 1918.

Ann a 1941, anns an Dàrna Cogadh, chuir torpedo bho U-Boat, U-96, an darna tè fodha, deas air Innis Tìle. Cha b' ann fiù 's air a' Phort Hardy a bha am bàt'-aigeil ag amas ach air tancairean a bha faisg oirre. 'S ann air darna tè a bha Ailig Màrtainn ag obair mus do thòisich an cogadh.

Cha robh an t-ainm air an treas tè ach airson seachd bliadhna, bho 1954 gu 1961, nuair a bha i air mhàl aig a' Phort Line bho chompanaidh Bibby.

Seinneadairean / Performers

Iain Dòmhnallach (Hoddan)

Iain Dòmhnallach (Hoddan)

Rugadh agus thogadh Iain 'Hoddan' Dòmhnallach (1925-2007) ann am Pabail Uarach, anns an Rubha, Leòdhas, mac le Aonghas 'Tonkan' Dòmhnallach agus Ealasaid Mhoireach à ...

Fiosrachadh air Iain Dòmhnallach (Hoddan) / Learn more about Iain Dòmhnallach (Hoddan)

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.