Òran a' Chogaidh

Òran air a sgrìobhadh le: Pàdraig Moireasdan agus air a sheinn le: gilleasbaig moireasdan agus Seonaidh Mac a' Mhaoilein (Seonaidh Beag).

This is a song written by: Pàdraig Moireasdan and sung by: gilleasbaig moireasdan and Seonaidh Mac a' Mhaoilein (Seonaidh Beag).

Facail an Òrain / Song Lyrics

Deoch slàinte nan gillean tha Lòbhat a' sireadh:
Deoch slàinte nan gillean tha linne san àm
Mo dhùrachd gan tilleadh gu sàbhailte rithist
Tha mòran dhiubh bhuineas do dh'Uibhist nam beann.

Fhearaibh th' aig baile ri cèilidh nan taighean
Ri èisteachd gach naidheachd mar thig às an Fhraing,
Gar garadh gu dòigheil ma theine math mònadh
Gur mise bhiodh deònach bhi còmh' ribh san àm.

Chan ionnann is mise 's an còrr de na gillean
Tha seasamh fo shileadh de dh'uisgeachan trom
Fo luaidhe nan Turcach is sligeannan muirt-te
Tha dòrtadh mar thuiltean gun sgur ma ar ceann.

Ged gheibhinn car tacain cead sìneadh sa phlaididh
Cha luath nì mi cadal cha tarrainn mi srann,
Nuair thig fios on Chòirneal a dhol ann an òrdugh
Gu seasamh an còmhrag 's a' chòmhstri oirnn teann.

Nuair thòisicheas buaireas thig stoirm ma ar cluasan
Tha 'n talamh man cuairt dhinn air ghluasad for bonn;
Bidh gillean bha tapaidh a' tuiteam gun fhacal
'S iad crioslaicht' an acfhuinn gu batal nan lann.

Chan ionnan 's nuair b' òg mi a' siubhal le m' gheòlaidh
'S mo chompanach còir lem bu deòin a bhith leam,
Gunna geal bòidheach 's mo chù air an t-sòile
Nuair dheanainn-sa leònadh bhiodh Dòmhnall na dheann.

Ach sguiridh mi ghearain 's a-chaoidh ann am earrann
Seasaidh mi daingeann gu cath a chur teann,
Le Gàidheil a' chruadail sna blàir choisinn buaidh
Thèid an Turcach a sguabadh thar uachdar nam beann.

Tha ar dòchas 's e daingeann ma làithean na Callaig
Gu ruig sinn Istambul ged is fhad tha e thall;
'S e 'm baile bheil dòchas aig Rèisimeid Lòbhat
An dramachan òl 's iad victorious ann.

Ma sguir mi dhen òran mo bheannachd le deòin dhuibh
Ceud soiridh gu Flòraidh an òighe tha grinn;
Tha mis ann an dòchas gur goirid go 'r còmhdhail
'S air m' fhacal bidh pòg ann toirt sòlas gu cuimhn'.

B' ann air 6 Lùnastal, 1915, a chaidh feachdan Bhreatainn air tìr aig Suvla Bay, Gailiopoili, far an d' rinneadh an t-òran seo.

Na facail bho Tocher 16 - le cead bho Sgoil Eòlais na h-Alba.

Seinneadairean / Performers

Seonaidh Mac a' Mhaoilein (Seonaidh Beag)

Seonaidh Mac a' Mhaoilein (Seonaidh Beag)

Rugadh Seonaidh 'Beag' Mac a' Mhaoilein, mac Sheonaidh Ciorstaidh, ann an Leumrabhagh air 7 Sultain, 1939. Bha athair a' ruith bus eadar Steòrnabhagh agus bailtean ...

Fiosrachadh air Seonaidh Mac a' Mhaoilein (Seonaidh Beag) / Learn more about Seonaidh Mac a' Mhaoilein (Seonaidh Beag)

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.