Òran a' Bhothain Ùr

Òran air a sgrìobhadh le: alasdair caimbeul (Tida a' Phuilein) agus air a sheinn le: alasdair caimbeul (Tida a' Phuilein).

This is a song written by: alasdair caimbeul (Tida a' Phuilein) and sung by: alasdair caimbeul (Tida a' Phuilein).

Facail an Òrain / Song Lyrics

'S e bothain beag na h-èiginn an Suaineabost, am baile seo,
A thog sinn airson cèilidh le lèig an tac a' bhall' aige,
Tha loch air cùl na geibheal, bùrn èirigh am pailteas innt,
Ma thèid thu dhan an leig ud, chan èirich thu gu samhail aist'.

'S an uair chuir iad clach-stèidhidh, bu sgiobalt' chaidh a' chlachaireachd,
Beagan de foundation 's bu treun a bha na ballaichean,
Chaidh ceann air a bha able le sreath de felt Bùth Ailein air,
'S na ballaichean a' lìnigeadh le sheetichean de phlasterboard.

'S thàinig làraidh Sheòrais à Steòrnabhagh dhan bhail' againn,
Baraillean gu leòr innt' 's gu sgiobalt' chaidh an tap a bh' air,
Chaidh na glainnichean a lìonadh 's bha sruplaich air na h-amhaichean,
Ged tha tiormachd as an àit' seo cha bhàsaich thu le dram' agad.

'S bha Kenny le bheul sàsach a' gàireachdainn 's a' lachanaich,
Bha Mogaran is Pàdraig, Spilt grànnda chuir an teine air,
Dòmhnall Nèill a bha na bharman a' sìneadh suas nan glainneachan,
Iain Mob an charge-hand, an airgead ann am pana aige.

'S bha Sith'-bheag an seòladair, dh'òl e iomadh barail ann,
Bha Nounie le meileòidian a' cluiche mar a b' aithne dha,
Bha Geobles mòr a Bhuoy, an uisge-beatha tighinn thairis air,
Iain Ghlen 's a' Phleòtag gu spòrsail a' fanaid air.

Thaing sin Iain Ròigean a tha 'n còmhnaidh na choigreach ann,
Thòisich e ri 'g ùrnaigh 's chuir e smùid air a' Mhogaran,
Sheinneadh e Fil-o-ro is chuireadh e a chadal iad,
Chan eil an leithid ann ach Loisidh cho Dhail bho Dheas gu Adabroc.

'S bha Stingear as a' chòrnair, bu bhòidheach an sealladh e,
Bha 'm Briogaisean is Geordie nan suidhe ris an doras ann,
Bha Uilleam Chaluim Rèilidh, cha robh e airson caithris ann,
Ach nuair rinn e airson èirigh, nochd Jock Troop le gad aige.

Chosg e iomadh gàire a' fàilt' chuir Ceitidh Chailein air,
Chanadh an uair sin Pàdraig, Iain nach reic thu a' gharaids rium,
Fhreagradh Iain cho smàbail, "Thalla 's thoir taigh na galla ort,"
'S Kenny le grèim air mhàs air ag èigheachd, "Cuiribh teine ris."

Ach tha mi nas ga fhàgail an dùil gu bheil e maireannach,
Chaidh iomadh pinnt bhon uair sin òl ri taobh an teine ud,
'S cuimhnich sibhse chàirdean, a chaoidh ma thig am pathadh ort,
Bothan Shuaineaboist d' àite, a ghabhail slàinte nam balaich ann.

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.