Oidhche Dhomh is Mi Fo Ghruaimean

Òran air a sgrìobhadh le: an t-Urr. dòmhnall uilleam macCoinnich agus air a sheinn le: catrìona ròs mhoireach.

This is a song written by: an t-Urr. dòmhnall uilleam macCoinnich and sung by: catrìona ròs mhoireach.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Oidhche dhomhsa 's mi fo ghruaimean,
'S ann a smaoinich mi air gluasad
Ach am faicinn fhìn a' ghruagach
Don tug mi mo luaidh 's mo ghealladh.

Nuair a ràinig mise an oidhche ud,
Cha b' ann na h-aonar a bha mhaighdeann -
Bha i fhèin 's fear eile air beinge,
'S iad gun solas coinnle no gealaich.

Dh'fhaighneachd mi fhìn dhi gu h-òrdail,
"An e seo a gheall thu dhomhsa?
Cha do chùm thu ri do bhòidean,
'S gura mòr rinn thu mo mhealladh."

'S ann thuirt i rium nach robh mi ciallach
'S nach tuirt ise facal riamh rium:
"'S cheart cho math dhut a bhith triall -
Chan fhaigh thu 'm-bliadhna mi mar leannan."

Sin nuair thuirt mi fhìn an uair sin,
"Falbhaidh mi air eagal buairidh,
'S gheibh mi tèile bhios nas suairce,
'S cha dèan mi suas riut nas fhaide."

Tha na nìghneagan cho seòlta,
Math gu mealladh ghillean òga -
Nuair as binne bhios an còmhradh,
'S ann as dòch' iad a bhith magadh.

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.