Òganach Donn na Bainnse

Òran air a sgrìobhadh le: Gun Urra agus air a sheinn le: anna michie.

This is a song written by: Gun Urra and sung by: anna michie.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Sèist / Chorus

Ho rì, ho rò, gun togainn ort fonn,
Gun togainn, cha cheilinn, gun seinninn dhut rann,
Chan inns mi rud eile, tha 'n cleith na mo chom
Air òganach donn na bainnse.

'S nam bithinn nam bhàrd chuirinn dàn dhut an cèill,
Mu chinneadh do mhàthair o Bhàideanach threun,
'S tu fleasgach is bòidhche 's as spòrsaile ceum,
'S cha bhi thu air fèill ri aimhreit.

Bu cheanalt' an duine bha 'n Uilleam nam fiadh,
Cas dhìridh a' mhonaidh le ghunna fo dhìon,
Le ghloinneachan-fradhairc air aghaibh gu mhiann,
Gus faiceadh gu crìoch na Frainge.

'S bidh daoine nan cabhaig cuir taighe dhut suas,
Le sheòmraichean soilleir san tionail an sluagh,
Gach fear dhiubh gun deireas le theine math guail,
Cha bhi thu rè fuachd sa gheamhradh.

'S nam pòsadh tu Lìsi nam mìog-shùilean caoin,
Bu mhòr an toil-inntinn bhiodh sinnte ri taobh,
Nì bòidhchead na h-ìghneag do lìonadh le gaol,
'S gun cuireadh gach gaoid air chall ort.

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.