Ochoin a Rìgh, Gur E Mi Tha Muladach

Òran air a sgrìobhadh le: Gun Urra agus air a sheinn le: Màiri Sandeman.

This is a song written by: Gun Urra and sung by: Màiri Sandeman.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Ochoin a rìgh gur e mi tha muladach
Nach robh mi thall an Loch Aills' cuide riut,
Far am bi na h-òigearan ag òl nam buidealan
'S a' gabhail òran is stòp an urr' aca.
Ochoin a rìgh.

Tha mi fo èislein an dèidh a' fhleasgaich ud
A dh'fhalbh an-dè ann am beul an leth traighidh,
Air m' fhacal fhèin gu bheil m' inntinn urrasach
Mu fear a' chùl dualaich nan gruaigeadh leadanaich.
Ochoin a rìgh.

Cha ghabhainn nàire son suidh' an taice riut
Ged bhiodh do chàirdean an àite faicinn dhomh,
A rìgh mar tha gur a mòr a pheacaich thu
Ma rinn thu m' fhàgail is càch a sheachnadh orm.
Ochoin a rìgh.

Cha chreidsinn tuailisgein ort ged chluinninn i
Chan fhanainn bhuat ged a bhuailte buil' orm,
Ged ruiginn shuas h-uile uair a b' urrainn mi
Ged bhiodh an fheanntag is meall mud mhuineal dhith.
Ochoin a rìgh.

Gur mi bha brònach nuair sheòl a Victory
Nach robh mi pòst' aig a' bhosan's mate aice,
Gum b' fhuar na neòil nuair bu bhòidhche bheatadh i
'S i falbh gu siùbhlach 's na siùil ma seach oirre.
Ochoin a rìgh.

Nam faighinn tìm 's ann a sgrìobhainn litir dhut
Ag innse dùrachd is rùn mo chridhe dhut,
'S e fàth mo leòin ged is bòidheach sgiobalt' i
An dèidh a cèireadh cha leugh thu idir i.
Ochoin a rìgh.

Seinneadairean / Performers

Màiri Sandeman

Rugadh agus thogadh Màiri Sandeman ann an Dùn Èideann. B' ann à Devon a bha a màthair, Màiri Trump, agus thàinig cuideachd a h-athar, Pat Sandeman, ...

Fiosrachadh air Màiri Sandeman / Learn more about Màiri Sandeman

Stiùireadh a’ BhBC

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.