Och nan Och, Na Bheil air M' aire

Òran air a sgrìobhadh le: dòmhnall macEachairn agus air a sheinn le: graham macDhòmhnaill agus murchadh macDhòmhnaill.

This is a song written by: dòmhnall macEachairn and sung by: graham macDhòmhnaill agus murchadh macDhòmhnaill.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Sèist / Chorus

Och nan och na bheil air m' aire!
'S truagh, a-nochd, na bheil am dhìth!
Siud e, rìgh! gur mòr mo ghaol ort,
Ged nach fhaod mi bhith ga inns'.

Tha mi 'g ionndrainn is chan àicheadh
Mi 'n tè bhàn a bha san fhrìth.
'N dèidh dhomh buachailleachd 's a h-àrach
'S eagal leam gun d' fhàg i mi.

A Bheinn Bhreac nan creachann àrda
'S tric a shàraich thusa mi;
Ach tha mi 'm bliadhna dol gad fhàgail -
Soraidh slàn leat gus an till.

Chan eil cnoc no glac a d' aodann,
Coire fraoich a-bhos no shìos,
Nach eil a' cuimhneach' iomadh rud dhomh
Ged nach fhaod mi bhith ga inns'.

Soraidh leis gach beinn is fireach -
A bheinn, om mithich dhomh bhith triall,
Guidheam fada fèidh ad ghlacaibh;
B' e bhith 'n taice riut mo mhiann.

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.