O Teannaibh Dlùth is Togaibh Fonn

Òran air a sgrìobhadh le: Gun Urra agus air a sheinn le: anna s. nicDhòmhnaill, Màiri NicGillEathain agus Seumas Greumach.

This is a song written by: Gun Urra and sung by: anna s. nicDhòmhnaill, Màiri NicGillEathain and Seumas Greumach.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Sèist / Chorus

O teannaibh dlùth is togaibh fonn,
Mo chridhe trom air m' aineol,
'S mi fad o eilean nan damh donn
'S bho thìr nan gleann 's nan gallan.

O beir an t-soraidh seo nis bhuam
Thar chuain is chruaich is bheannaibh,
A dh'ionnsaigh Muile nam beann fuar,
O! Eilean uain' a' bharraich.

Och, a rìgh, nach mi bha thall
An tìr nan gleann 's nam bealach;
Tìr nan craobh, 's i tìr mo ghaoil,
Nan lagan fraoich is raithneach.

Siud na glinn sam faighte 'n aoidh,
'S na roinn chum taobh na mara;
Tha luchd mo ghaoil an-diugh ma sgaoil
'S an t-àit' fo caoraich Shasainn.

Tha 'n-diugh gun taigh, gun sgrath, gun chrùib,
Gun chloich os cionn na starsnaich;
Tha leac an teintein air fàs fuar
Le còinneach ruadh tighinn fairis.

Gur truagh a' Ghàidhlig bhith na càs
On dh'fhalbh na Gàidheil a bh' againn;
A ghineil òig tha tighinn nan àit'
O, togaibh àrd a bratach.

Seinneadairean / Performers

Seumas Greumach

Seumas Greumach

'S ann à Loch an Inbhir, an Asainte, a tha Seumas Greumach agus dh'fhàs e suas ann an dachaigh as an robh ceòl agus òrain ...

Fiosrachadh air Seumas Greumach / Learn more about Seumas Greumach

Màiri NicGillEathain

Ged a rugadh 's a thogadh Màiri NicGillEathain ann an Glaschu tha dlùth cheangal aice ri Uibhist a Deas. 'S i nighean Charlotte Chaluim à ...

Fiosrachadh air Màiri NicGillEathain / Learn more about Màiri NicGillEathain

Stiùireadh a’ BhBC

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.