O 'S Tu 'S Gura Tu Th' air M' aire

Òran air a sgrìobhadh le: Gun Urra agus air a sheinn le: Anna Latharna NicGillìosa, còisir ghàidhlig lacasdail agus iain macLeòid (Iain a' Ghèidsear).

This is a song written by: Gun Urra and sung by: Anna Latharna NicGillìosa, còisir ghàidhlig lacasdail and iain macLeòid (Iain a' Ghèidsear).

Facail an Òrain / Song Lyrics

Sèist / Chorus

O 's tu 's gura tu th' air m' aire,
O 's tu 's gura tu th' air m' aire,
'S tu fhèin a rùin tha tighinn dlùth fainear dhomh,
'S gur goirt mo shùgradh on dh'fhàg thu 'm baile.

'S tric a bha sinn air àird an fhirich,
Bu leam do phògan 's le deòin do mhire,
An lùib do bhreacain gun d' rinn mi suidhe;
'S gum b' fheàrr do chòmhradh na òr na cruinne.

An oidhche bha sinn fo sgàil an eilich
Anns an smùdan an lùib an t-seilich,
Bàrr an fhraoich dhuinn na choinnlean geala,
'S fèidh a' mhonaidh nan luchd-faire.

Thug thu 'n ear dhiom is thug thu 'n iar dhiom,
Thug thu ghealach is thug thu ghrian dhiom,
'S thug thu 'n cridhe a bha nam chliabh dhiom;
Cha mhòr a ghaoil nach tug thus' mo Dhia dhiom.

Dreach 2

Sèist / Chorus

O 's tu 's gura tu th' air m' aire,
O 's tu 's gura tu th' air m' aire,
'S tu fhèin a rùin tha tighinn dlùth fainear dhomh,
'S gun dh'fhalbh mo shùgradh on dh'fhàg thu 'm baile.

Dh'fhalbh mo shùgradh 's mo cheòl gàire,
Mo thoil-inntinn nach till gu bràth rium,
Ach mur till thu ro cheann na ràithe
Gur anns an uaigh nì sluagh mo chàradh.

Tha mo chàirdean gu tric ag iarraidh
An gaol a thug mi a chur air dhìochuimhn'
Ach tha siud dhaibh a cheart cho dìomhain
Ri tilleadh mara am braisead lìonaidh.

Nuair tha daoine nan cadal suainte
Gur fliuch a' chluasag bhios fo mo cheann-sa;
Dh'aindeoin caochladh a thig air m' inntinn
Cha tèid mo ghaol dhut gu bràth air dìochuimhn'.

Ged gheibhinn còir air na tha dh'òr an Albainn,
'S ged chuirte còmhla riut na mo thairgse,
Gun tilginn deònach gu h-òb na fairg' e
Airson do phòsadh an Tòl am Barabhas.

Seinneadairean / The Performers

Anna Latharna NicGillìosa

Anna Latharna NicGillìosa

Tha an t-Ollamh Anna Latharna NicGillìosa air a bhith a' seinn airson iomadach bliadhna – ann an Gàidhlig agus caochladh chànain eile: air telebhisean, rèidio ...

Fiosrachadh air Anna Latharna NicGillìosa / Learn more about Anna Latharna NicGillìosa

Stiùireadh a’ BhBC

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.