O Nach Tig Thu Fhir Mo Ghràidh

Òran air a sgrìobhadh le: An t-Urr. Iain M. Mac a' Ghobhainn agus air a sheinn le: Seasaidh NicAoidh.

This is a song written by: An t-Urr. Iain M. Mac a' Ghobhainn and sung by: Seasaidh NicAoidh.

Facail an Òrain / Song Lyrics

O nach tig thu fhir mo ghràidh
A-steach a thàmh nam sheòmar,
Ach am faigh mi fo do sgàil
'S do làthaireachd cho cùbhraidh.

'S e Iosa shàsaicheas an tart
Th' air gach anam tha dha iarraidh;
'S e bheir dhuibh deoch den uisge bheò
Sa chuan nach tràigh gu sìorraidh.

O nach iongantach an gràdh
Bha agad do pheacaich caillte,
An uair a dh'fhuiling thu an àit
Gun thàirneadh ris a' chrann thu.

'S ann tre do bhàs a gheibh sinn slàint'
Ma thig sinn tràth dha dh'ionnsaidh;
'S e 'n-diugh an t-àm, 's e là na slàint'
Gun màireach air a ghealltainn.

Chaidh thu suas air ionad àrd
Is dh'ullaich thu àit an glòir dhuinn,
Is thug thu cuireadh do na b' àill
Iad a thighinn a chum a' phòsaidh.

Nach iongantach gu bheil mòran ann
A dhiùlt an cuireadh glòrmhor;
O anam thig, na cuir ann dàil,
Mun caill thu 'n àit bha 'n glòir dhut.

O nach dòirt thu oirnn 's gach àit
Do spiorad bho na h-àirdaibh,
Ach an dèan do shluagh cruaidh spàirn
'S on caoraich chaillt a dh'fhàgadh.

Nuair dh'òl e 'n cupan thug 'n Athair dha
'S a ghlaodh e "Tha e crìochnaicht."
An uair sin reubadh a bhrat-roinn
Is dh'fhosgladh slighe nuadh dhuinn.

Tha mòran ann a ghabh an àit
Bho sgàile bratach Chrìosda,
'S a h-uile neach a thàinig ann
Cha do chaill e aon a-riamh dhuibh.

Seinneadairean / Performers

Seasaidh NicAoidh

Seasaidh NicAoidh

Rugadh Seasaidh NicAoidh ann an Circebost ann am Beàrnaraigh Leòdhais, an treas duine dhan teaghlach aig Ciorstaidh Màiri agus Coinneach MacAmhlaigh. B' e teaghlach air ...

Fiosrachadh air Seasaidh NicAoidh / Learn more about Seasaidh NicAoidh

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.