Facail an Òrain / Song Lyrics

O mo dhùthaich 's tu th' air m' aire
Uibhist chùbhraidh ùr nan galan
Far a faighte na daoin' uaisle
Far am bu dual do Mhac 'ic Ailein.

Tìr a' mhurain, tìr an eòrna
Tìr sam pailt a h-uile seòrsa
Far am bi na gillean òga
Gabhail òran 's 'g òl an leanna.

Thig iad thugainn, carach, seòlta
Gus ar mealladh far ar n-eòlais
Molaidh iad dhuinn Manitòba
Dùthaich fhuar gun ghual gun mhòine.

'S gu dè stàth dhomh bhith ga innse
Nuair a thig sibh 's ann a chì sibh,
Samhradh goirid 's foghar dìsleach
'S geamhradh fada na droch shìde.

Nam biodh agam fhìn de stòras
Paidhir bhrògan, briogais aodaich
Agus m' fharadh bhith nam phòca
'S ann air Uibhist dhèanainn seòladh.

'S gura mise tha gu cràiteach,
'S trom mo cheum, neo-aotrom tha mi,
On a dhealaich mi rim chàirdean
Thuit mo chridhe 's mo cheòl-gàire.

Fhir a shiùbhlas bàrr an t-sàile
Thoir mo shoraidh gu mo chàirdean
Guidheam nach trèig sibh ur n-àite
Airson uachdaran no bàillidh.

Chan eil buaidh nach eil ri àireamh
Air Uibhist os cionn gach àite,
An t-eilean garbh mun iadh an sàile
Gheibh an srainnsear aoigh is blàths ann.

Seinneadairean / Performers

Iain Caimbeul

Iain Caimbeul

Rugadh Iain Caimbeul (Mac Dhòmhnaill Ruaidh Dhòmhnaill Ic Chatriona à Fròbost) ann an Cill Bhrìghde an Uibhist a Deas, air an latha ron Nollaig, 1923. B' e ...

Fiosrachadh air Iain Caimbeul / Learn more about Iain Caimbeul
Anna Latharna NicGillìosa

Anna Latharna NicGillìosa

Tha an t-Oll. Anna Latharna NicGillìosa air a bhith a' seinn airson iomadach bliadhna – ann an Gàidhlig agus caochladh chànain eile: air telebhisean, rèidio ...

Fiosrachadh air Anna Latharna NicGillìosa / Learn more about Anna Latharna NicGillìosa
Iseabail T. NicDhòmhnaill

Iseabail T. NicDhòmhnaill

Rugadh is thogadh Iseabail T NicDhòmhnaill ann an Glaschu, ach 's ann ri Uibhist a Deas a tha ceanglaichean an teaghlaich. Bha i riamh air ...

Fiosrachadh air Iseabail T. NicDhòmhnaill / Learn more about Iseabail T. NicDhòmhnaill
Kathleen NicDhòmhnaill

Kathleen NicDhòmhnaill

Ged a rugadh Kathleen NicDhòmhnaill agus a triùir pheathraichean ann an Darlington an Siorrachd Durham thàinig iad a dh'fhuireach a Shiadar air taobh siar Leòdhais ann an ...

Fiosrachadh air Kathleen NicDhòmhnaill / Learn more about Kathleen NicDhòmhnaill
Màiri NicAonghais

Màiri NicAonghais

Rugadh Màiri Nic Aonghais air 15 Lùnastal 1964 ann am Baghasdal a Tuath an Uibhist a ...

Fiosrachadh air Màiri NicAonghais / Learn more about Màiri NicAonghais

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.