O Mìorbhail Gràis

Òran air a sgrìobhadh le: Iain Newton agus air a sheinn le: clas sailm chille mhoire, Iain MacÌomhair (Costello) agus Màiri NicAonghais.

This is a song written by: Iain Newton and sung by: clas sailm chille mhoire, Iain MacÌomhair (Costello) and Màiri NicAonghais.

Facail an Òrain / Song Lyrics

O Mìorbhail gràis! Nach brèagha an ceòl
'S E lorg mi 's mi air chall,
Air seachran dorch', gun neart, gun treòir,
'S a dh'fhosgail sùilean dall'.

'S e gràs thug eòlas dhomh air m' fheum;
'S e gràs thug saors' is sìth;
'S cha cheannaicheadh òr a' chruinne-chè
Chiad là bha fois nam chrìdh'.

Tre iomadh cunnart 's trioblaid chruaidh
Thug E gu sàbhailt mi;
An gràs a shaor bhon bhàs le buaidh
Chan fhàg 's cha trèig gu sìor.

San dachaigh bhuan gun uair gun tìm,
'S deich mìle bliadhn' mar là,
Cha sguir an ceòl 's chan fhàs iad sgìth
A' seinn a-chaoidh mun ghràs.

Tha barrachd is aon eadar-theangachadh den laoidh ann an Gàidhlig ach 's e na facail gu h-àrd leis an t-Urr. Iain MacLeòid is tric a chluinnear.

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.