O Mhàiri E Mhàiri

Òran air a sgrìobhadh le: murchadh macLeòid (Bhatairnis) agus air a sheinn le: Calum Ceanadach.

This is a song written by: murchadh macLeòid (Bhatairnis) and sung by: Calum Ceanadach.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Nì mi innse le fìrinn an nì rinn mo chràdh
Bheir snìth air mo shùilean 's a dhùineas mo chàil
An gaol thug mi m' mhaighdeann bu chaoibhneile ghnàth
Dom b' ainm Màiri Anna, tha san anart a' cnàmh.

'S ann air feasgar Diciadain nuair bha ghrian anns na neòil
'S i ri deàlradh cho brèagha, cho sgiamhach ri òr;
Thachair mise 's mo Mhàiri ann an gàradh nan ròs
Is bha fàileadh nan ùbhlan glè chùbhraidh tighinn oirnn.

Nuair thuig a h-athair 's màthair gu robh Màiri an gaol
Rinn iad faighneachd gun dàil dhi cò h-ailleagan caomh
Fhreagair i gum b' e gunnair o mhullach an t-slèibh
Fear à Gàidhealtachd na h-Alba far am marbhte na fèidh.

Nuair a chual' iad a facal gun do ghlas iad i suas
Ann an seòmar bha glaiste fad seachdain gun truas
Tha mo chridhs' brist' nach fhaodainn bhith bruidhinn ri mo luaidh
'S i gam choimhead tron uinneig 's na deòir a' ruith sìos o gruaidh.

Thàinig litir gam dh'ionnsaigh air a dùnadh gu dlùth
Mi dh'fhalbh sìos gu siùbhlach gu cùlaibh an dùin;
Far 'n robh carbad gu mùirneach gus mo ghiùlain gun dàil
Gu pàileis duin-uasail, far 'n robh gruagach mo ghràidh.

Nuair a ràinig mi 'n aitreabh far 'n robh m' àilleagan buan
Rinn a sùilean ciùin drabhadh 's bha dreach a' bhàis air a gruaidh
'S nuair a thug mi mo làimh oirr' dh'fhàg a cainnt i gu luath
'S dhùin a sùilean sa chadal nach dùisg 's a bhith buan.

O Mhàiri, e Mhàiri, 's tu dh'fhàg mi cho tinn
'S tu dh'fhàg mi fo mhulad is duilich ga inns'
'S ann ort tha mo smuaintean a latha 's a dh'oidhch'
Gus an tèid mi dhan anart, cha sguir mi gad chaoidh.

Seinneadairean / Performers

Calum Ceanadach

Calum Ceanadach

Rugadh Calum Ceanadach air 2 Ògmhios 1928, ann an Orasaigh, ann an ceann a deas Sgìre nan Loch, ann an Leòdhas. B' e Murchadh Ceanadach ...

Fiosrachadh air Calum Ceanadach / Learn more about Calum Ceanadach

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.