O Luaidh

Òran air a sgrìobhadh le: Gun Urra agus air a sheinn le: Coinneach MacThòmais agus gòrdan mcKeeve.

This is a song written by: Gun Urra and sung by: Coinneach MacThòmais and gòrdan mcKeeve.

Facail an Òrain / Song Lyrics

O luaidh, 's truagh nach deachaidh sinn,
È luaidh, 's truagh nach deachaidh sinn,
O gura truagh a' cheist, o luaidh,
Nach robh mi san uaigh mun d' fhuair mi sealladh ort.
O luaidh.

Chunnaic mi thall sa mhòine gearradh i,
Gruagach òg, 's chòrd a pearsa rium,
Chaidh mi anull 's gun fhaic mi i dlùth,
'S a' mhais' air a gnùis a dh'ùraich leannanachd.
O luaidh.

An tèid thu leam gu tìr nam monaidhean,
Tìr nam fiadh, nan earb 's nan coineanach,
Tìr nan siad, 's ann bha thu riamh,
'S gun ith thu do bhiadh gun sgian 's gun ghreimiche.
O luaidh.

Nam biodh peann 's pàipear geal agam,
Sgrìobhainn dhut sìos mo chainnt le barantas,
Cùmhnant tha teann nach fhosgail bhon chlèir,
'S ma dh'fhalbhas tu fhèin, chan fheum thu t'fharadh ann.
O luaidh.

Seinneadairean / Performers

Coinneach MacThòmais

Coinneach MacThòmais

Rugadh Coinneach MacThòmais ann an Ceann Loch Chille Chiarain air 20 Lùnastal, 1949. B' ann à Cinn Tìre a bha cuideachd athair agus bha a ...

Fiosrachadh air Coinneach MacThòmais / Learn more about Coinneach MacThòmais

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.