O Ìosa, Bi 'n Còmhnaidh air M' aire Gach Uair

Òran air a sgrìobhadh le: Dòmhnall Iain Dòmhnallach agus air a sheinn le: Calum Ailig Mac a' Mhaoilein agus Iseabail T. NicDhòmhnaill.

This is a song written by: Dòmhnall Iain Dòmhnallach and sung by: Calum Ailig Mac a' Mhaoilein and Iseabail T. NicDhòmhnaill.

Facail an Òrain / Song Lyrics

O Iosa, bi 'n còmhnaidh air m' aire gach uair -
Mo chobhair, mo chridhe, mo bheatha, mo dhuais.
Bi rium an dlùth-chomann, nam inntinn a ghnàth,
Is treòraich mo cheuman le èifeachd do ghràis.

Às d' aonais, O Iosa, mo bheatha gun stàth;
Às d' aonais, O Iosa, tha m' fhoghar gun ghràn;
Às d' aonais, O Iosa, mo ghnìomhan gun fheum –
Soillsich mo ròidean le lòchran do chrèid.

O Iosa, mo Shlànair, na fàg mi son uair;
Nad reul bi dhomh deàrrsach an sgàthan mo smuain –
'S Tu m' acarsaid shàbhailt' bho ghàbhadh nan stuagh;
Mo dhìdean, mo chombaist, mo chompanach buan.

Dèan dachaigh nam chridhe, O Iosa, mo ghaol;
Dèan dachaigh nam thuigse, nam mheomhair, nam smaoin;
Biodh d' ainm-sa gu sìorraidh air bilean mo bheòil –
Iosa, na trèig mi rè rèis mo bhith-bheò.

Tuilleadh Fiosrachaidh

Nochd Sguaban Eòrna, leabhar den bhàrdachd aig Dòmhnall Iain Dòmhnallach ann an 1973, agus Fo Sgàil an Swastika, cunntas air a bheatha mar phrìosanach cogaidh ann an 1974. Rinn e cruinneachadh de bheul-aithris is sgeulachdan agus òrain à Uibhist agus nochd cuid dhiubh sin anns an leabhar Uibhist a Deas a dh'fhoillsich Acair an 1981.

Tha iomradh air beatha Dhòmhnaill Iain agus cruinneachadh slàn den bhàrdachd aige anns an leabhar Chì Mi, deasaichte le Bill Innes agus air fhoillseachadh le Birlinn, 1998.

Seinneadairean / Performers

Calum Ailig Mac a' Mhaoilein

Calum Ailig Mac a' Mhaoilein

Chaidh Calum Ailig Mac a' Mhaoilein a thogail ann am baile Shiadair anns a' Rubha ann an Leòdhas. Bho aois gu math òg bha ceòl ...

Fiosrachadh air Calum Ailig Mac a' Mhaoilein / Learn more about Calum Ailig Mac a' Mhaoilein
Iseabail T. NicDhòmhnaill

Iseabail T. NicDhòmhnaill

Rugadh is thogadh Iseabail T. NicDhòmhnaill ann an Glaschu, ach 's ann ri Uibhist a Deas a tha ceanglaichean an teaghlaich. Bha i riamh air ...

Fiosrachadh air Iseabail T. NicDhòmhnaill / Learn more about Iseabail T. NicDhòmhnaill

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.