O Cò Thogas Dhìom An Fhadachd

Òran air a sgrìobhadh le: Gun Urra agus air a sheinn le: Ceitidh Magaidh Mhoireasdan, dena nicÌomhair agus Jenna Chuimeanach.

This is a song written by: Gun Urra and sung by: Ceitidh Magaidh Mhoireasdan, dena nicÌomhair and Jenna Chuimeanach.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Fuaim an uisge, fuaim na gaoithe,
Fuaim a' ghèile tha mi cluinntinn
'S eagal orm 's tu na do chuibhleir
Gun toir mac a' Ghoill do char as'd.
O cò thogas dhìom an fhadachd?

O gur mise tha gu brònach,
Cluinntinn fuaim na gaoithe mòire,
'S eagal orm-sa 's gun thu eòlach
Gun toir gaoth nan seòl a-mach thu.
O cò thogas dhìom an fhadachd?

O gur mise th' air mo leònadh
Mach is dhachaigh às a' mhòine
Faicinn làraichean do bhrògan,
'S nach dèan an tuil mhòr am falach.
O cò thogas dhìom an fhadachd?

O gur mise th' air mo lèireadh,
A ghràidh an cuala tu fhèin e?
Thuirt iad rium-sa gun d' rinn m' eudail
M' fhuath'chadh is tèile leantainn.
O cò thogas dhìom an fhadachd?

Saoilidh fear ma bhios tè àlainn
Nach eil càil aig' ach a tàrsainn
Ach 's ann tha i ri glùin a màthar,
'S tòrr de fàilligeadh air falach.
O cò thogas dhìom an fhadachd?

'S iomadh oidhche ged bhiodh am bùrn ann
Ruigeadh tu mi ghràidh nad chrùban;
'S ged bhiodh m' athair air a ghlùinean
Dheigheadh tu dhan a' chùil air falach.
O cò thogas dhìom an fhadachd?

'S e mo cheist an fhìnealt àlainn,
'N t-aodann as an robh an deàrrsadh;
Dhèanadh cùl do chinn dhomh sgàthan
Nuair a ghràidh a bha thu agam.
O cò thogas dhìom an fhadachd?

Seinneadairean / Performers

Jenna Chuimeanach

Jenna Chuimeanach

'S ann à Inbhir Nis a tha Jenna Chuimeanach o thùs. 'S i an seinneadair Criosaidh Nic a' Phiocair a màthair agus tha piuthar nas ...

Fiosrachadh air Jenna Chuimeanach / Learn more about Jenna Chuimeanach

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.