O Chridhe Na Sgàin 'S Mi Fàgail Eilean an Fhraoich

Òran air a sgrìobhadh le: ciorstaidh anna nicLeòid (Ciorstaidh Anna Chaluim Sheòrais) agus air a sheinn le: pàdraig mac a' ghobhainn (Pàdraig a' Choisich).

This is a song written by: ciorstaidh anna nicLeòid (Ciorstaidh Anna Chaluim Sheòrais) and sung by: pàdraig mac a' ghobhainn (Pàdraig a' Choisich).

Facail an Òrain / Song Lyrics

Sèist / Chorus

O chridhe na sgàin ri fàgail eilean an fhraoich,
Is cuideachd mo ghràidh ri tàmh ann am fearann mo ghaoil,
Tha sinn dol gu sàl 's tha an nàmhaid tighinn oirnn air gach taobh,
O chridhe na sgàin ri fàgail eilean an fhraoich.

Tha còrr is trì bliadhna bho dh'èigh an cogadh seo th' oirnn,
Is b' fheudar dhuinn triall a dhìon ar dachaigh 's ar còir,
Bho ghinealach bhiastail gun Dhia, gun cheartas no còir,
'S mur tèid stad air gu dìon, glacaidh iad riaghladh bho na th' oirnn.

'S ged 's duilich bhith fàgail càirdean 's dachaigh nar dèidh,
Tha ar sùil ris a' latha gun tig càirdeas is ceartas is rèite,
'S bhith ag ullachadh àite dhan an àl tha tighinn nar dèidh,
'S cha stad sinn gu bràth gum bi 'n nàmhaid na luidean gun fheum.

Taing dhan a' nèibhidh cho treun 's tha seòladh air sàl,
Ri riaghladh nan tonn le luingeas chalm' air am bàrr,
Tha suinn ac' air bòrd, gu leòr ac' à eilean mo ghràidh,
Is Nazi gun thruas, chan fhaigh buaidh air na balaich gu bràth.

'S cha leig sinn gar deòin Eilean Leòdhais mhaiseach fo ghaoir,
No coigrich bhith riaghladh iarmailt dhuilich na laoch,
Bidh bratach Rìgh Seòras ri crathadh 's ri seòladh ri gaoth,
Fhad 's a bhios neach beò ri còmhnaidh an eilean an fhraoich.

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.