O 'S Toigh Leam An Cìobair

Òran air a sgrìobhadh le: sìne nicIlleMhìcheil agus air a sheinn le: Màiri Sandeman agus màiri nicLaomainn.

This is a song written by: sìne nicIlleMhìcheil and sung by: Màiri Sandeman and màiri nicLaomainn.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Sèist / Chorus

O 's toil leam an cìobair
chan eil coire ri inns ort
's e thu dh'fhàgail na tìr seo
dh'fhàg m' inntinn fo leòn.

Gura mise tha cràiteach
On a sheòl thu thar sàile;
Dè cha robh mi led chàirdean
'N àm d' fhàgail air bòrd.

Nuair a dhìreadh tu bruthach
led bhaga 's led ghunna
nuair a lùbadh tu d' uilinn
bhiodh fuil air lach-lòin.

Nuair a dhìreadh tu 'n t-aonach
dol a shealltainn nan caorach
gheibhinn leisgeul nam faotainn
gu bhith daonnan nad chòir.

'S truagh nach robh mi san iarras
mum faca mi riamh thu
's fios mi fhìn nach mi chiad tè
fhuair briathran do bheòil.

'S truagh nach robh mi san anart
ciste chaol nam bòrd tana
mun d' fhuair mi do ghealladh
's an àm tàinig tu 'm chòir.

Seinneadairean / Performers

Màiri Sandeman

Rugadh agus thogadh Màiri Sandeman ann an Dùn Èideann. B' ann à Devon a bha a màthair, Màiri Trump, agus thàinig cuideachd a h-athar, Pat ...

Fiosrachadh air Màiri Sandeman / Learn more about Màiri Sandeman

Stiùireadh a’ BhBC

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.