Null Gud Chridhe Naomh

Òran air a sgrìobhadh le: Gun Urra agus air a sheinn le: Còisir Eaglais Naomh Bàrr.

This is a song written by: Gun Urra and sung by: Còisir Eaglais Naomh Bàrr.

Facail an Òrain / Song Lyrics

O thoir mi null do Chridhe naomh,
Is cùm mi 'n tasgadh teann;
O iarr air m'anam siùbhlach truagh
A dhachaigh bhuan bhith ann.
O Ìosa, tha do Chridhe naomh,
Ciùin, caomhach, gaolach, còir;
Cha bhrist Thu spiorad an fhir fhaoin
No misneachd an fhir-bhròin.

O Mhoire, leis a'ghaol gun cheann
Thug Cridhe Chrìosd dhut fhèin,
Mo dhachaigh deònaich beò no marbh
Bhith 'n Cridhe gaolach Dhè.
O Ìosa, fosgail suas do Chridh',
Is gheibh mi fasgadh ann;
Tha m' anam sgìth de ghlòir gun bhrìgh,
'S le peacadh brònach, fann.

Chan fhaigh mi fois ged dh'iarrainn tàmh
An cùisean fann, neo-bhuan;
Tha aon Chridh' ann as fhiach mo ghràdh -
Chan fhàs an Crìdh' sin fuar.
O Ìosa, thig gam iarraidh tràth -
Tha fadal orm ad dhèidh;
Tha cabhag orm gun tig an là
A bhios mi làmh riut fhèin.

Eadar-theangaiche (dhan Ghàidhlig): Mgr. Iain Mac a' Mhaoilein

Seinneadairean / Performers

Còisir Eaglais Naomh Bàrr

Bha ceud bliadhna ann, ann an 2006, bho chaidh Eaglais Naomh Barr fhosgladh anns a' Bhàgh a Tuath ann am Barraigh. Ron sin, bha aig ...

Fiosrachadh air Còisir Eaglais Naomh Bàrr / Learn more about Còisir Eaglais Naomh Bàrr

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.