Nuair Chunna Mis' an Toiseach Thu

Òran air a sgrìobhadh le: Gun Urra agus air a sheinn le: Kitty NicLeòid.

This is a song written by: Gun Urra and sung by: Kitty NicLeòid.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Nuair chunna mis' an toiseach thu
'S tu dubh le gual a' bhàta,
'S e còig bliadhn' deug a dh'aois a bha thu,
Ghaoil, nuair thug mi gràdh dhut.

Nuair chunna mis' a-rithist thu
A' tighinn 's fiamh a' ghàir' ort,
Gun phloisg mo chridh' le aoibhneas riut
Mar dhaoimean ann a' fàinne.

Cuimhnich air do bhòidean dhomh
'S an còmhradh bhiodh tu 'g ràdh rium;
Aig ceann a-muigh a' Royal
Thug thu bòid dhomh nach do phàigh thu.

Do chòmhradh aig a' mhansa dhomh
Disathairn' dol dhan t-Sàbaid,
Nach fhaicte air an t-saoghal
Bean mo chaochlaidh air do ghàirdean.

Ged tha mi nam dhìlleachdan
Nam aonar 's mi gun bhràthair,
Is iomadh nighean tuathanaich
Nach d' fhuair a' fear a b' fheàrr leath'.

Mas e 's gun do dh'fhuathaich thu mi
'S gur h-i 'n tè ruadh is fheàrr leat;
Chan fhada, ghaoil, gun gluaisear leam
Gu cluasag fhuar nach blàthaich.

Seinneadairean / Performers

Kitty NicLeòid

Kitty NicLeòid

Anns a' bhliadhna 1914, rugadh Kitty NicLeòid anns na h-Innseachan, far an robh a h-athair Coinneach MacLeòid, Coinneach Aonghais Ruaidh no A' Gheinn, à Adabroc ...

Fiosrachadh air Kitty NicLeòid / Learn more about Kitty NicLeòid

Stiùireadh a’ BhBC

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.