Nuair Bha Mi Òg

Òran air a sgrìobhadh le: Màiri Nic a' Phearsain (Màiri Mhòr nan Òran) agus air a sheinn le: Ailean MacIllEathain, Alma Kerr, cairistìona nicDhùghaill, Carol Nic a' Bhreatannaich, Ceana Chaimbeul, Còisir Ghàidhlig Ceann Loch Chille Chiarain, dùbhghlas macCoinnich, Ina NicDhiarmaid, rona nic a' phiocair agus Seòras Clavey.

This is a song written by: Màiri Nic a' Phearsain (Màiri Mhòr nan Òran) and sung by: Ailean MacIllEathain, Alma Kerr, cairistìona nicDhùghaill, Carol Nic a' Bhreatannaich, Ceana Chaimbeul, Còisir Ghàidhlig Ceann Loch Chille Chiarain, dùbhghlas macCoinnich, Ina NicDhiarmaid, rona nic a' phiocair and Seòras Clavey.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Moch 's mi 'g èirigh air bheagan èislein,
Air madainn Chèitein 's mi ann an Òs,
Bha sprèidh a' geumnaich an ceann a chèile,
'S a' ghrian ag èirigh air Leac an Stòrr;
Bha gath a' boillsgeadh air slios nam beanntan,
Cur tuar na h-oidhche na dheann fo sgòd,
Is os mo chionn sheinn an uiseag ghreannmhor,
Toirt na mo chuimhne nuair bha mi òg.

Toirt na mo chuimhne le bròn is aoibhneas,
Nach fhaigh mi cainnt gus a chur air dòigh,
Gach car is tionndadh an corp 's an inntinn,
Bhon dh'fhàg mi 'n gleann 'n robh sinn gun ghò;
Bha sruth na h-aibhne dol sìos cho tàimhidh,
Is toirm nan allt freagairt cainnt mo bheòil,
'S an smeòrach bhinn suidhe seinn air meanglan,
Toirt na mo chuimhne nuair bha mi òg.

Nuair bha mi gòrach a' siubhal mòintich,
'S am fraoch a' sròiceadh mo chòta bàn,
Feadh thoman còinnich gun snàthainn a bhrògan,
'S an eigh na còsan air lochan tàimh;
A' falbh an aonaich ag iarraidh chaorach,
'S mi cheart cho aotrom ri naosg air lòn,
Gach bot is poll agus talamh toll,
Toirt na mo chuimhne nuair bha mi òg.

Toirt na mo chuimhn' iomadh nì a rinn mi
Nach faigh mi 'm bann gu ceann thall mo sgeòil,
A' falbh sa gheamhradh gu luaidh is bainnsean
Gun solas lainnteir ach ceann an fhòid;
Bhiodh òigridh ghreannmhor ri ceòl is dannsa,
Ach dh'fhalbh an t-àm sin 's tha 'n gleann fo bhròn;
Bha 'n tobht aig Anndra 's e làn de fheanntaig,
Toirt na mo chuimhne nuair bha mi òg.

Nuair chuir mi cuairt air gach gleann is cruachan,
Far 'n robh mi suaimhneach a' cuallach bhò,
Le òigridh ghuanach tha nis air fuadach,
De shliochd na tuath bha gun uaill gun ghò,
Na raoin 's na cluaintean fo fhraoch is luachair,
Far 'n tric na bhuaineadh leam sguab is dlò,
'S nam faicinn sluagh agus taighean suas annt'
Gum fàsainn suaimhneach mar bha mi òg.

An uair a dhìrich mi gual an t-Sìthein,
Gun leig mi sgìos dhìom air bruaich an lòin;
Bha buadhan m' inntinn a' triall le sìnteig,
Is sùil mo chinn faicinn loinn gach pòir;
Bha 'n t-sòbhrach mhìn-bhuidh' 's am beàrnan-brìde,
An cluaran rìoghail, is lus an òir,
'S gach bileag aoibhneach fo bhraon na h-oidhche,
Toirt na mo chuimhne nuair bha mi òg.

Nuair chuir mi cùl ris an eilean chùbhraidh,
'S a ghabh mi iùbhrach na smùid gun seòl,
Nuair shèid i 'n dùdach 's a shìn an ùspairt,
'S a thog i cùrsa o Thìr a' Cheò;
Mo chridhe brùite 's na deòir lem shùilean,
A' falbh gu dùthaich gun sùrd, gun cheòl,
Far nach fhaic mi cluaran no neòinean guanach,
No fraoch no luachair air bruaich no lòn.

Tuilleadh Fiosrachaidh

Tha fiosrachadh mu Mhàiri agus a bàrdachd ri fhaotainn san leabhar Màiri Mhòr nan Òran, deasaichte le Dòmhnall Eachann Meek (Comann Litreachas Gàidhlig an h-Alba, 1998)

Seinneadairean / Performers

Carol Nic a' Bhreatannaich

Carol Nic a' Bhreatannaich

Rugadh agus thogadh Carol Nic a' Bhreatannaich ann an Ceann Loch Chille Chiarain. Bha taobh aig a cuideachd ri Giogha mus do ghluais iad gu ...

Fiosrachadh air Carol Nic a' Bhreatannaich / Learn more about Carol Nic a' Bhreatannaich
Ceana Chaimbeul

Ceana Chaimbeul

Buinidh Ceana Chaimbeul don Ghrìob anns an Eilean Sgitheanach agus do theaghlach aig a bheil ùidh mhòr ann an ceòl is òrain. Choisinn i am ...

Fiosrachadh air Ceana Chaimbeul / Learn more about Ceana Chaimbeul
Còisir Ghàidhlig Ceann Loch Chille Chiarain

Còisir Ghàidhlig Ceann Loch Chille Chiarain

Bha Còisir Ghàidhlig Ceann Loch Chille Chiarain fo stiùireadh Chaluim MhicChaluim L.R.A.M., A.R.C.O. fad ochd bliadhna fichead, agus ann an eachdraidh nan còisirean Gàidhlig ma ...

Fiosrachadh air Còisir Ghàidhlig Ceann Loch Chille Chiarain / Learn more about Còisir Ghàidhlig Ceann Loch Chille Chiarain
Ailean MacIllEathain

Ailean MacIllEathain

'S e Ailean a' Mhiseanaraidh a chanadh iad ri Ailean MacIllEathain (1890-1982) ann a' Siabost, am baile anns do dh'fhàs e suas. Ach cha b' ...

Fiosrachadh air Ailean MacIllEathain / Learn more about Ailean MacIllEathain
Alma Kerr

Alma Kerr

'S ann do Steòrnabhagh a bhuineas Alexandra 'Alma' Kerr ach bhuineadh cuideachd a h-athair do na Hearadh agus càirdean a màthar do ...

Fiosrachadh air Alma Kerr / Learn more about Alma Kerr

Ina NicDhiarmaid

Rugadh Ina NicDhiarmaid ann am Port Ghlaschu air 25 Cèitean, 1923. B' e Niall MacDiarmaid, a bhuineadh do Bhaile Phiocair, mu dhà mhìle tuath air ...

Fiosrachadh air Ina NicDhiarmaid / Learn more about Ina NicDhiarmaid

Seòras Clavey

Rugadh Seòras Clavey (1928-2003) ann an Dùn Èideann agus ghabh e ùidh ann an Gàidhlig nuair a bha e na bhall de Chòisir Ghàidhlig Phort ...

Fiosrachadh air Seòras Clavey / Learn more about Seòras Clavey

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.