Nighean mo Ghaoil

Òran air a sgrìobhadh le: Donnchadh Bàn Mac an t-Saoir agus air a sheinn le: dòmhnall seathach agus Karen NicMhathain.

This is a song written by: Donnchadh Bàn Mac an t-Saoir and sung by: dòmhnall seathach and Karen NicMhathain.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Sèist / Chorus

'S i nighean mo ghaoil an nighean donn òg
Nam biodh tu rim thaobh cha bhithinn fo bhròn,
'S i nighean mo ghaoil an nighean donn òg.

'S i Màiri Nic Neachdain as dàicheile pearsa
Ghabh mis' uiread bheachd ort ri neach a tha beò.

Nuair sheallas mi t' aodann 's mi 'n coinneamh ri t' fhaodainn
Gur math leam nam faodainn bhith daonnan ad chòir.

Bheir mis' thu Dhùn Eideann a dh'ionnsachadh Beurla
'S chan fhàg mi thu d' èiginn ri sprèidh an fhir mhòir.

'S e mheudaich mo ghaol ort gun d' fhàs thu cho aobhach,
'S gun leumadh tu daonnan cho aotrom 's na h-eòin.

Seinneadairean / Performers

Karen NicMhathain

Karen NicMhathain

'S ann à Taigh an Uillt ann an Earra-Ghàidheal a tha Karen NicMhathain ach buinidh a cuideachd do Bharraigh agus thog i mòran de na ...

Fiosrachadh air Karen NicMhathain / Learn more about Karen NicMhathain

Stiùireadh a’ BhBC

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.