Nighean Donn a' Chùil Rèidh

Òran air a sgrìobhadh le: Calum MacGillìosa agus air a sheinn le: Calum Ros, donnchadh macGilp agus pàdraig mac a' ghobhainn (Pàdraig a' Choisich).

This is a song written by: Calum MacGillìosa and sung by: Calum Ros, donnchadh macGilp and pàdraig mac a' ghobhainn (Pàdraig a' Choisich).

Facail an Òrain / Song Lyrics

Sèist / Chorus

E ho rò, mo nighean donn,
E ho hù mo nighean donn,
E ho rò mo nighean donn a' chùil rèidh,
Rìbhinn òg a bha leam,
Raoir a' còmhradh rium ciùin,
Tha mo chridhe 'n-diugh trom às do dhèidh.

'S e do chòmhradh, a rùin,
Cainnt as ceòlmhoire leam
Na guth smeòraich an dlùth choill nan craobh;
No bog thorman nan allt
Tighinn o àirigh nan gleann
'S mi sa mhoch mhadainn shamhraidh rin thaobh.

Tha do nàdar, a luaidh,
Coibhneil, càirdeil, gun ghruaim,
Gur e d' àilleachd thug buaidh air gach tè;
Dh'èireadh m' aigne le sunnd
Nuair a choinnicheadh tu rium
'S chuirinn fàilt' air nighean donn a' chùil rèidh.

Gur e guirme do shùil
Leam nan dealt air an driùchd
Nuair a dhearcas tu, rùin, orm gu caomh;
Gu bheil maise mar nòin
Chuireadh sgaoileadh air bròn
Ann ad chruth, 's b' e mo dheòin bhith rid thaobh.

Tha gnùis àlainn gun ghruaim
Tha gun ailgheas, lann stuaim,
'S pearsa dhìreach, dheas, uallach am falbh,
Air am bòidhche thug gùn
Anns an fhasan as ùir'
Aig an rìbhinn as cùirteile dealbh.

Tha do chàirdeas glee dhlùth
Ris na h-àilleagain ùr
Bhiodh 's na blàir feadh nan dùthchannan thall;
'S tric a bhuannaich iad cùis
Ann am fàbhar a' Phrionns'
'S cha bhiodh onair an dùthcha air chall.

Nuair a chìt' iad air sliabh
Bu ro-bhòidheach an triall,
'S gum bu shuaicheantas riamh dhaibh 's gach àm
Long is leomhann is craobh
'S an làmh-dhearg air an taobh
Bradan tàrragheal is fraoch glas nam beann.

Nam biodh beairteas dhomh buan
Rachainn sgrìob thar a' chuain,
Don Roinn Eòrp' leat, a luaidh nan deagh bheus;
'S ann an dùthaich nan sonn
Bhiodh daoin' uaisle le fonn
A' cur fàilt' air nighean donn a' chùil rèidh.

'S math thig fàinneachan òir
Air na meòir sin as bòidhch'
'S a bhios tric ann an seòmar ri gleus;
Tha do ghruaidh mar an ròs
Chan eil uaill ann ad nòs
'S gur leat seusar gach seòl agus beus.

'S iomadh cliù th' air do ghnàths
A nighean donn na sùil bhlàth,
Tha do shnuadh ann an àillead mar ghrèin;
Mar an flùran a' fàs
Ann an gleann 's am biodh blàths
No mar Bhenus an àirde nan speur.

Gur e coibhneas do chainnt
A chuir bruaillean am cheann,
Chan eil fuasgladh ach gann dhomh fon ghrèin;
Chan eil lèigh do mo chràdh
Air an t-saoghal seo mhàin,
Mo nighean donn nan sùl blàth, ach thu fhèin.

Seinneadairean / Performers

Calum Ros

Calum Ros

Rugadh Calum Ros aig Kildonan Drive ann am Partaig ann an Glaschu air 21 Faoilleach 1934. B' e Calum Dhòmhnaill na Banrigh, à Flòdaigearraidh san ...

Fiosrachadh air Calum Ros / Learn more about Calum Ros

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.