NicCoiseam

Òran air a sgrìobhadh le: Donnchadh Bàn Mac an t-Saoir agus air a sheinn le: Còisir a' Loch a Tuath agus Griogair Labhruidh.

This is a song written by: Donnchadh Bàn Mac an t-Saoir and sung by: Còisir a' Loch a Tuath and Griogair Labhruidh.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Sèist / Chorus

Horo mo chuid chuideachd thu,
Gur muladach leam uam thu,
Horo mo chuid chuideachd thu,
'S mi dìreadh bhann is uchdanan,
B' ait leam thu bhith cuide rium,
'S do chudthrom air mo ghualainn.

Nuair chaidh mi do Ghleann Lòchaidh
'S a cheannaich mi NicCoiseam,
Is mise nach robh gòrach
Nuair thug mi 'n tòir ga fuasgladh.

Thug mi Choire Cheathaich thu
Nuair bha mi fhèin a tathaich ann;
Is tric a chuir mi laighe leat
Na daimh 's na h-aighean ruadha.

Nuair thèid mi ris a' mhonadh
'S tu mo roghainn de na gunnachan,
On fhuair thu fhèin an t-urram sin
Cò nise chumas uat e.

Thug mi thu Bheinn Dòbhrain
An cinneadh na dàimh chrocach;
Nuair theannadh iad ri crònan
Bu bhòidheach leam an nuallan.

Seinneadairean / Performers

Griogair Labhruidh

Griogair Labhruidh

Buinidh Griogair Labhraidh do na Labhraich à Baile Chaolais, an ceann a tuath Earra-Ghàidheal, teaghlach a tha ainmeil a thaobh ceòl Gàidhealach. Bha iomadh deagh ...

Fiosrachadh air Griogair Labhruidh / Learn more about Griogair Labhruidh

Còisir a' Loch a Tuath

Chaidh Còisir a' Loch a Tuath a stèidheachadh ann an 1984. Bha còisir òigridh, Còisir Òg a' Bhac, a chaidh a' stèidheachadh ann an 1978 ...

Fiosrachadh air Còisir a' Loch a Tuath / Learn more about Còisir a' Loch a Tuath

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.