Nam Bàsaicheadh na Boireannaich

Òran air a sgrìobhadh le: Aonghas Caimbeul (Am Bocsair) agus air a sheinn le: Aonghas Caimbeul (Am Puilean).

This is a song written by: Aonghas Caimbeul (Am Bocsair) and sung by: Aonghas Caimbeul (Am Puilean).

Facail an Òrain / Song Lyrics

Sèist / Chorus

"Nam bàsaicheadh na boireannaich
'S e 'n saoghal a bhiodh dona dheth;
Bhiodh e falamh agus fàs
Nam bàsaicheadh na boireannaich.

"Dheidheadh an gaol a nàrachadh
Dh'èireadh strì is cànranachd,
Dhùisgeadh cogadh measg nan treubh
Is cha bhiodh feum air Pàrlamaid.

"Cha chluinnte comhairl' mhàthraichean
No idir glag nan sgàthanan;
Dheidheadh luchd nan seud air Bòrd nam Bochd
'S am bùithtean cosgail fhàsachadh.

"A bhriogais reùbt cò chàireadh i,
Nuair thigeadh meirg sna snàthadan?
'S bhiodh gach stamag tric fo leòn,
Gach còcair' 's losgadh-braghad air.

"Air seisean cha bhiodh feum againn,
Bhiodh strì am measg nan èildearan;
Bhiodh an Eaglais bochd gun chùrs
Is sgaoileadh cùirt nan deuconan.

"Cò laigheadh dlùth cho annsanta
'S a chumadh blàth an seann duine
Nuair thigeadh crith o shìos is shuas
'S a thigeadh fuachd a' gheamhraidh air?

"Bhiodh fear le cridhe 's sgàinean air,
A thug an gaol d'a àilleagan,
Ri guidhe làitheil aig a h-uaigh
I thighinn a-nuas mar Lasarus."

Seinneadairean / Performers

Aonghas Caimbeul (Am Puilean)

Aonghas Caimbeul (Am Puilean)

'S ann à sgìre Nis, Leòdhas, a bha Aonghas Caimbeul, no Am Puilean mar a b' fheàrr a dh'aithnichear e. Mar a sgrìobh e fhèin ...

Fiosrachadh air Aonghas Caimbeul (Am Puilean) / Learn more about Aonghas Caimbeul (Am Puilean)

Stiùireadh a’ BhBC

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.