Nam Aonar Le Mo Smuaintean

Òran air a sgrìobhadh le: An t-Urr. Iain MacLeòid agus air a sheinn le: Còisir Ghàidhlig Ìleach Ghlaschu agus Seumas Greumach.

This is a song written by: An t-Urr. Iain MacLeòid and sung by: Còisir Ghàidhlig Ìleach Ghlaschu and Seumas Greumach.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Nam aonar le mo smaointean
'S a' ghaoth tighinn bho thuath,
Grian òr-bhuidh' mar ghrìosaich
Cur teine air chuan;
Na caoraich sholt cho sàmhach
Len àl sa chnoc mhòr,
Ciaradh feasgair cur a glòir
Air faileas dubh le òr.

Na sabhalan fàs gun mullach
Na taighean bha làn,
An-diugh cho fuar 's cho falamh
Am fearann dol bàn;
Gun chrann ann, gun speal ann
Gun lìon ann, gun bhàt',
Èigheach cogaidh a thug bhuainn
Na balaich thuit sa bhlàr.

Ma chlaoidh sinne nàmhaid
An-dràst' faic prìs buaidh,
Cridhe màthar cràidhte
'S na gillean san uaigh;
Cha dèan cliù no onair
Treabhadh dhuinn no buain,
Cianail, falamh, sìth a' bhàis
Cha till na fir chaidh uainn.

Aig uaigh fhuar Mhic a' Phearsain
'S an sneachda air Peighinn Phùir,
Chluich a' phìob port thuiridh
Am peilear bhrag cruaidh;
An cogadh faoin nam Falklands
Thuit Gòrdan ro òg,
'N-uiridh, balach san sgoil àrd;
An-diugh, a bhàs ar leòn.

A' ghrian tha dol sìos oirnne
Air prèiridh cur blàiths,
Oidhche tha gar dùnadh
Dùsgadh do chàch;
Aig feasgar dorch ar cùrsa
Feith' dùsgadh là mhòir,
Ciaradh maidne cur a glòir
Air faileas dubh le òr.

Tuilleadh Fiosrachaidh

Chaidh 'Nam Aonar Le Mo Smuaintean' a sgrìobhadh mar chuimhneachan air Gòrdan Mac a' Phearsain, à Earra-Ghàidheal, a chaill a bheatha, aig aois fiched bliadhna, a' sabaid ann am Blàr Two Sisters Mountain anns na h-Eileanan Faclanach san Ògmhios, 1982.

Tha na h-Eileanan Faclanach, no Eileanan nan Caorach mar a chanadh cuid riutha, mu 300 mìle bho mòr-thìr Ameireaga a Deas. Fhuair Breatainn sealbh air na h-Eileanan ann an 1833, ach bha Argentina a' cumail a-mach gur ann acasan a bha còir orra, chionns gu robh iad air iad fhèin a shuidheachadh annta, ann an 1826.

Chaidh feachd le Argentina air tìr anns na h-Eileanan anns a' Ghiblein, 1982, ann an oidhirp an gabhail thairis. Às dèidh cogadh a mhair dà mhìos rinn feachdan Breatannach a' chùis orra agus thàinig air Argentina gèilleadh.

Seinneadairean / Performers

Còisir Ghàidhlig Ìleach Ghlaschu

Chaidh Còisir Ghàidhlig Ìleach Ghlaschu, tè de phrìomh chòisirean na Gàidhlig, a stèidheachadh anns a' bhliadhna ...

Fiosrachadh air Còisir Ghàidhlig Ìleach Ghlaschu / Learn more about Còisir Ghàidhlig Ìleach Ghlaschu
Seumas Greumach

Seumas Greumach

'S ann à Loch an Inbhir, an Asainte, a tha Seumas Greumach agus dh'fhàs e suas ann an dachaigh as an robh ceòl agus òrain ...

Fiosrachadh air Seumas Greumach / Learn more about Seumas Greumach

Stiùireadh a’ BhBC

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.