Nach Gòrach Mi Gad Chaoineadh

Òran air a sgrìobhadh le: Gun Urra agus air a sheinn le: alasdair c. macGillìosa, alasdair macCoinnich, còisir ghàidhlig thung agus Pòl MacCalum.

This is a song written by: Gun Urra and sung by: alasdair c. macGillìosa, alasdair macCoinnich, còisir ghàidhlig thung and Pòl MacCalum.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Nach gòrach mi gad chaoineadh 's nach caoineadh tu mi;
'S ro ghòrach thug mi gaol dhut 's gum faod thu bhith gam dhìth
Mas e lugh'd mo stòrais a dh'fhàg do dheòin gam dhìth
O 's fheudar dhomh bhith beò ged nach pòsadh tu mi.

Ged gheibhinn san Roinn Eòrpa 's na bheil de stòras innt'
Ged gheibhinn siud air m' òrdugh 's àite còmhnaidh innt'
Ged dh'èighteadh am dhiùc mi 's ged chrùinteadh mi am rìgh
O b' fheàrr a bhith riut pòsta mur diùltadh tu mi.

'S i mo ghaol-s' an òg-bhean as bòidhche na càch;
Do chùl daithte 'n òrdugh mar neòinean a' fàs;
Mo ghaol-s a' mhaighdeann bhòidheach on tig an còmhradh blàth
Nan gealladh tu mo phòsadh bu bheò mi on bhàs.

Gur mise tha fo ghruaman 's nach gluais mi leam fhìn,
Mun gaol thug mi don ghruagaich 's gun duais dhomh da chinn;
Ma bheir fear eile bhuam thu, nach truagh a bhios mi;
O b' fheàrr a bhith san uaigh na thu, luaidh, bhith gam dhìth.

Seinneadairean / Performers

Pòl MacCalum

Rugadh Pòl MacCalum ann am Baile Ghobhainn ann an Glaschu ann an 1963. Thàinig e a dh'Uibhist ann an 1967 a dh'fhuireach air taobh a ...

Fiosrachadh air Pòl MacCalum / Learn more about Pòl MacCalum

Stiùireadh a’ BhBC

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.