Molaidh mi mo Shlànaigheir

Òran air a sgrìobhadh le: An t-Urr. Donnchadh MacAsgaill agus air a sheinn le: Fionnlagh MacNèill.

This is a song written by: An t-Urr. Donnchadh MacAsgaill and sung by: Fionnlagh MacNèill.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Molaidh mi mo Shlànaigheir
A rugadh anns an stàball,
Nar measg-ne mar Emmànuel
An nàdar chnàimh is feòla.

Molaidh mi mo Shlànaigheir
Na dhaonnachd fhìor a ràinig sinn,
'S a dhiadhachd shìorraidh compàrtach rith'
Na Phearsa ghràdhach ghlòrmhor.

Molaidh mi mo Shlànaigheir
Chì mi thruas 's a bhàidhealachd;
Na uchd a' giùlain phàisdean
Is E slànachadh na leòntach.

Molaidh mi mo Shlànaigheir
Nach gèilleadh ann an sàrachadh,
A' giùlan iomadh tàmailt
Bho gach nàmhaid a bha 'n tòir air.

Molaidh mi mo Shlànaigheir
Chì mi anns a' ghàrradh E;
Fon eallach throm ga shàrachadh
Bha anam cràit' is brònach.

Molaidh mi mo Shlànaigheir
Oir buinidh cliù mo theàrnaidh dha;
'S e dh'fhuiling ann am àite-sa
Sa ghàrradh an Gethsemane.

Molaidh mi mo Shlànaigheir
Chì mi togte an àird ann E
Air Calbharaidh a' bàsachadh
Nam ait'-s' le gràdh is tròcair.

Molaidh mi mo Shlànaigheir
'S an treas latha dhùisg on bhàs E,
Le cumhachd beath' neo-bhàsmhor
'S bha gàirdeachas aig mòran.

Molaidh mi mo Shlànaigheir
A thogadh suas gu Pàrras;
Tha 'n T-ainm 's an t-urram 's aìrd' aige
Mar Bhritheamh àrd na mòrachd.

Molaidh mi mo Shlànaigheir
Thug 'n Spiorad naomh na lànachd dhuinn;
'S nam chrìdh' gum biodh a ghràsan-san -
'S iad creideamh, gràdh is dòchas.

Molaidh mi mo Shlànaigheir
Tha giùlain leam nam fhàilligeadh,
'S eu-coltach mi mar tha mi
Ris an Tì as àirde glòire.

Molaidh mi mo Shlànaigheir
A thogas as a' chlàbar mi
A' cur mo chas gu sàbhailte
Air carraig làidir chòmhnaird.

Molaidh mi mo Shlànaigheir
A chumas suas na làmhan mi
'S mo chreideamh, ged a dh'fhàilnicheadh,
Chan fhàilnich a chaomh-thròcair.

Molaidh mi mo Shlànaigheir
Nuair chreideas mi le gàirdeachas
Gur h-ann na chumhachd gràsmhor-san
Tha teàrnadh anam dhòmhsa.

Molaidh mi mo Shlànaigheir
A ghleusas teud mo chlàrsaich dhomh
Mi seinn gu binn 's gu h-àrd-ghuthach
Laoidhean 's dàin Iehòbhah.

Molaidh mi mo Shlànaigheir
A gheall dhomh "Chaoidh chan fhàg mi thu,
Is bheir mi dhachaigh sàbhailt' thu
Gu àit' nan iomadh còmhnaidh."

Seinneadairean / Performers

Fionnlagh MacNèill

Fionnlagh MacNèill

'S ann am Port Ghlaschu a rugadh Fionnlagh MacNèill (1931-2007). Bha athair, Dòmhnall na Scarpaich, na sgiobair air tè de na bàtaichean a bha a' ...

Fiosrachadh air Fionnlagh MacNèill / Learn more about Fionnlagh MacNèill

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.