Moladh Chabair Fèidh

Òran air a sgrìobhadh le: tormod bàn macLeòid agus air a sheinn le: ceòlraidh ghàidhlig ghlaschu agus còisir ghàidhlig ghrianaig.

This is a song written by: tormod bàn macLeòid and sung by: ceòlraidh ghàidhlig ghlaschu and còisir ghàidhlig ghrianaig.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Deoch-slàinte chabar fèidh seo
Gur h-èibhinn 's gur h-aighearach;
Ge fada bho thìr fèin e,
Mhic Dhè, greas ga fhearann e;
Mo chrochadh is mo cheusadh,
Is m' èideadh nar mhealadh mi,
Mur ait leam thu bhith 'g èirigh
Le treun neart gach caraide!

Gur mise chunna sibh gu gunnach,
Ealamh ullamh acfhainneach;
A' ruith nan Rothach 's math ur gnothach,
Thug sibh sothadh maidne dhaibh;
O, cha deach' Cataich air an tapadh,
Dh'fhàg an neart le eagal iad,
Ri faicinn ceann an fhèidh ort
Nuair dh'èirich do chabar ort!

B' e 'n t-amadan Fear Fòghlais,
Rothaich agus Ròsaich
Frisealaich is Granndaich
An campa cha stadadh iad;
'S thug Foirbeisich nan deann-ruith
Gu seann taigh Chuil Lodair orr'
Ri gabhail an ra-treut-a,
Nuair dh'èirich do chabar ort.

Stiùireadh a’ BhBC

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.