Mo Rùn-sa Mhaighdeann

Òran air a sgrìobhadh le: Gun Urra agus air a sheinn le: gòrdan mckeeve agus Murchadh Iain MacCoinnich.

This is a song written by: Gun Urra and sung by: gòrdan mckeeve and Murchadh Iain MacCoinnich.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Mo rùn-sa mhaighdeann tha aoigheil, ceanalta,
Thug bhuam mo shnuadh 's a dh'fhàg gruaidhean tana orm;
Do ghruaidhean bòidheach air dhreach nan ròsan
'S do bheul mar neòinean, 's ann dhòmhsa is leannan thu.
Mo rùn-sa mhaighdeann.

'S ann Dimàirt a dh'fhàg sinn Glaschu
A' dol air bòrd air long mhòr nan crannagan;
Bha mi ga stiùireadh 's an fhairge dùmhail
'S mi togail cùrsa air cùlaibh Shrailia.
Mo rùn-sa mhaighdeann.

Grian san dùbhlachd is flùr sa ghailleann thu,
Cha dubh a' ghrian 's cha liath an t-earrach thu;
Do bhilean bòidheach om mìlse pògan
'S gur lìonmhor òigear tha an tòir air Ealasaid.
Mo rùn-sa mhaighdeann.

Tha còig bliadhna deug bhon a' chiad latha chaidh mi
A shiubhal chuantan 's a chuartadh mharannan;
Tha mi gun stòras, gun airgead pòcaid,
'S ann their gu leòr gu bheil mi gòrach, amaideach.
Mo rùn-sa mhaighdeann.

Seinneadairean / Performers

Murchadh Iain MacCoinnich

Murchadh Iain MacCoinnich

Rugadh Murchadh Iain MacCoinnich, Murdo John na Mol, ann an Cros, ann an Nis, Leòdhas, air 6 Ògmhios, 1943. B' e Murchadh a bh' air ...

Fiosrachadh air Murchadh Iain MacCoinnich / Learn more about Murchadh Iain MacCoinnich

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.