Mo Rùn Geal Òg

Òran air a sgrìobhadh le: cairistìona nicFhearghais agus air a sheinn le: Anna Latharna NicGillìosa, Flòraidh NicNèill, Mairead NicLeòid agus Màiri Anna NicUalraig.

This is a song written by: cairistìona nicFhearghais and sung by: Anna Latharna NicGillìosa, Flòraidh NicNèill, Mairead NicLeòid and Màiri Anna NicUalraig.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Och a Theàrlaich òig Stiùbhairt, 's e do chùis rinn mo lèireadh;
thug thu uam gach nì bh' agam ann an cogadh nad adhbhar;
cha chrodh is cha chaoraich tha mi caoidh ach mo chèile,
ged a dh'fhàgte mi 'm aonar gun sian san t-saoghal ach lèine,
Mo rùn geal òg.

Cò nis thogas an claidheamh no nì chathair a lìonadh?
's gann gur e tha air m' aire o nach maireann mo chiad ghràdh;
ach ciamar gheibhinn om nàdar a bhith 'g àicheadh nas miann leam
is mo thogradh cho làidir thoirt gu àite mo rìgh math,
Mo rùn geal òg.

Bu tu 'm fear mòr bu mhath cumadh od mhullach gud bhrògan
bha do shlios mar an eala 's blas na meal' air do phògan,
d' fhalt dualach, donn, lurach mu do mhuineal an òrdugh,
's e gu cam-lubach, cuimir, 's gach aon toirt urraim da bhòidhchead,
Mo rùn geal òg.

Bu tu 'm fear slinneanach letheann, bu chaoile meadhan 's bu dealbhaich;
cha bu tàillear gun eòlas dhèanadh còta math geàrr dhut,
no dhèanadh dhut triubhais gun bhith cumhang no gann dhut:
mar gheala-bhradain do chasan led gheàrr-osan mud chalpa,
Mo rùn geal òg.

Bu tu pòitear na dibhe 'n àm suidhe 's taigh-òsta,
ge b' e dh'òladh 's tu phàigheadh ged thuiteadh càch mu na bòrdaibh;
bhith air mhisg chan e b' fhiù leat, cha do dh'ionnsaich thu òg e,
's cha d' iarr thu riamh cùis air tè air chùl do mhnà pòsta,
Mo rùn geal òg.

'S iomadh baintighearna phrìseil, len sìoda 's len sròlaibh,
dan robh mis' nam chùis-fharmaid chionn gun tairgeadh tu pòg dhomh.
ged a bhithinn cho sealbhach 's gum bu leam airgead Hanòbhair
bheirinn cnag anns na h-àithntean nan cumadh càch sinn bho phòsadh,
Mo rùn geal òg.

'S iomadh bean a tha brònach eadar Trondairnis 's Slèite,
agus tè tha na banntraich nach d' fhuair samhla dam chèile.
bha mise làn sòlais fhad 's bu bheò sinn le chèile,
ach a-nis bhon a dh'fhalbh thu cha chùis fharmaid mi fhìn dhaibh,
Mo rùn geal òg.

Gura mise th' air mo sgaradh, is ge do chanam, cha bhreug e,
is iomadh tè bha na banntraich nach d' fhuair samhladh dem chèile,
fear do chèille 's do thuigse cha robh furasta ri fhaotainn;
's cha do sheas air Cùil Lodair fear do choltais bu trèine,
Mo rùn geal òg.

Och nan och, gur mi bochdag, 's mi làn osnaich an-còmhnaidh -
chaill mi dùil ri thu thighinn, thuit mo chridhe gu dòrtadh;
cha tog fidheall no clàrsach, pìob no tàileasg no ceòl e -
nis o chuir iad thu 'n tasgadh, cha dùisg caidreabh duin' òg mi.
Mo rùn geal òg.

Bha mi greis ann am barail gum bu mhaireann mo chèile,
's gun tigeadh tu dhachaigh le aighear is le faoilteachd,
ach tha an t-àm air dol thairis is chan fhaic mi fear d' eugais
is gus an cuir iad mi san talamh cha dealaich do ghaol rium,
Mo rùn geal òg.

Seinneadairean / Performers

Mairead NicLeòid

Mairead NicLeòid

Rugadh Mairead NicLeòid ann an Dùn Èideann ged a bha a màthair às an Àird anns a' Rubha agus a h-athar à Tolastadh a' Chaolais ...

Fiosrachadh air Mairead NicLeòid / Learn more about Mairead NicLeòid
Flòraidh NicNèill

Flòraidh NicNèill

'S i Flòraidh NicNèill MBE tè de na seinneadairean as ainmeil a tha a' seinn ann an Gàidhlig. Rugadh agus thogadh i ann am Barraigh ...

Fiosrachadh air Flòraidh NicNèill / Learn more about Flòraidh NicNèill
Anna Latharna NicGillìosa

Anna Latharna NicGillìosa

Tha an t-Ollamh Anna Latharna NicGillìosa air a bhith a' seinn airson iomadach bliadhna – ann an Gàidhlig agus caochladh chànain eile: air telebhisean, rèidio ...

Fiosrachadh air Anna Latharna NicGillìosa / Learn more about Anna Latharna NicGillìosa
Màiri Anna NicUalraig

Màiri Anna NicUalraig

Rugadh agus thogadh Màiri Anna NicUalraig ann an Glaschu. Bha a h-athair à Tiriodh agus tha a màthair, Ceana Chaimbeul, ainmeil mar sheinneadair agus mar ...

Fiosrachadh air Màiri Anna NicUalraig / Learn more about Màiri Anna NicUalraig

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.