Mo Nighean Dubh

Òran air a sgrìobhadh le: Gun Urra agus air a sheinn le: iain moireach (Iain Dholera), niall houston, ruairidh macRisnidh agus seumas macFhionghain.

This is a song written by: Gun Urra and sung by: iain moireach (Iain Dholera), niall houston, ruairidh macRisnidh and seumas macFhionghain.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Mo nighean dubh, tha bòidheach dubh,
Mo nighean dubh, na trèig mi;
Ged theireadh càch gu bheil thu dubh,
Cho geal 's an gruth leam fèin thu.

Moch là coinneal anns a' mhadainn,
'M leaba 's mi gun èirigh,
Gum facas òigh an taice rium,
'S a gnùis ro dhreachmhor, ceutach.

Toisichidh mi aig do chasan,
Chum do mhaise leughadh;-
Di-dòmhnuich a' dol an chlachan,
Bean do dhreach cha lèir dhomh.

Thig stocaidh gheal air rogha dealbha
Air do chalpa glè-gheal;
Brògan barra-chumh'nn, 's bùcaill airgid -
Oigh air dhealbh na grèin' thu!

Seang chorp fallain, mar shneachd meallain,
No mar chanach slèibhte;
Mar fhaoileag chladaich, ri là gaillin,
Air chuan mara 'g èirigh.

'S math thug gùn 's an fhasan duit,
Cho math 's a tha 'n Dùn Èideann,
Mu d' mheadhon caol 'g a theannachadh,
'S a chamhanaich 's tu 'g èirigh.

Do shùilean mar na dearcagan,
Do ghruaidh air dhath na cèire,
Cùl do chinn air dhreach an fhithich,
'S gradh mo chridhe fhèin ort.

Sùil chorrach ghorm fo d' chaol mhala
Bhon tig an sealladh èibhinn,
Mar dhealt camhanaich 's an earrach,
'S mar dhriùchd meala chèitein.

Tha falt dubh, dualach, trom, neo-luaidhte,
'N ceangal sguaib air m' euchdaig;
Gur bòidheach e mu d' chluasaibh,
'S cha mheas' an cuailein brèid e.

Cha dèan mi tuilleadh molaidh ort-
O, 's tu mo rogha cèile!
'S ann ort a tha 'n cùl fàinneagach,
Mar sud 's am bràighe glè-gheal.

'S olc a rinn do chàirdean orm
'S gu 'n d' rinn iad pàirt ort fein d' e,
'N uair chuir iad ás an dùthaich mi,
'S mi 'n dùil gu'n dèanainn feum duit.

'S ged nach dèanainn fìdhleireachd,
Gu 'n deanainn sgriobhadh 's leughadh,
'S a nàile! dhèanainn searmoin duit
Nach talaicheadh neach fo 'n ghrèin oirr'.

Stiùireadh a’ BhBC

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.