Mo Nighean Donn

Òran air a sgrìobhadh le: Gun Urra agus air a sheinn le: dougie macIllEathain.

This is a song written by: Gun Urra and sung by: dougie macIllEathain.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Gur e mise tha fo ghruaim
'S mi 'n taobh tuath dhan an Stòr.

Sèist / Chorus

Mo nigh'n donn ho gu
Hì rì rì hù lò
Mo nigh'n donn hò gu.

'N-dràst' an loch fada choill
'S nach tig Oighrig nam chòir.

Thog iad a' mhailisi suas
'S bheir siud bhuainn gillean òg.

Cha bhi iad a-muigh ach mìos
'S cha bhi 'n cianalas oirnn.

Mo nighean donn choisinn cliù
Ann an cùirt nam ban òg.

Mo nighean donn choisinn geall
Far na champaich na seòid.

Tha mi sgìth cur mo lìon
Ann an iochdar gach òb.

Thèid mi null air a' bheinn
Far eil loinn nam ban òg.

'S bidh mo làmh na do làimh
Dh'aindeoin èildeir tha beò.

'S bhiodh mo làmh mud chùl bhàn
Gad a gheàrrt' i mun dòrn.

Ach ma ruigeas mise null
Gheibh thu crùin na do dhòrn.

Gheibh thu sin is rud nas fheàrr
Maraiche math làidir òg.

Stiùireadh a’ BhBC

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.