Mo Nighean Chruinn Donn

Òran air a sgrìobhadh le: Gun Urra agus air a sheinn le: Rona Lightfoot.

This is a song written by: Gun Urra and sung by: Rona Lightfoot.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Sèist / Chorus

Mo nighean chruinn donn air bharraibh nan tonn,
a thogadh a' fonn le inntinn oirnn,
mo nighean chruinn donn air bharraibh nan tonn.

Chunna mi seachad mun taca-s' an-dè,
mo nighean chruinn eutrom mhìog-shuileach.

Smaointich mise gu rachainn cho dàn
's gun toirinn a dh'àite suirighe i.

Nuair ràna' mi'n dorus bha ghlas air mo shròin,
bha tuilleadh 's a' chòrr a dhlùithean air.

Bha aon fhear gu h-ìosal 's a' trì dhiubh gu h-àrd,
's cha ruiginn mo làmh le dìcheall air.

Bha phrais as a' rathad, 's an clobha 's a bhrà,
's a' bhuilisg gu h-àrd a' gliongadaich.

'S an cuilean beag giobach bha 'n iomall na luatha,
thug e trì uairean ionnsaigh orm.

Nuair ràinig mi seòmar 's an t-àite robh chlann,
gum faiceadh tu ann a phrìneachan.

Nuair ràna' mi leabaidh 'sann fhuair mi i làn,
bha tuilleadh 's mo ghràdh na sìneadh innt'.

Bha tè dhiubh rùisgte, cho dubh ris a' ghual,
tè eil' agus cuailean grìs-fhionn oirr'.

Se nighean mo ghràdh an nighean bhuidhe bhàn,
an nighean as fheàrr 's an t-saoghal leam.

'S ann dh'èigh am bodach se shuas le guth àrd,
nach glac sibh an gàrlach mi-mhodhail.'

A mach air an uinneig a ghabh mi gu h-àrd,
's a bhriogais gun d' dh'fhàg mi 'n diochuimhn' i.

Bu chruaidh mo thurtair a' tuiteam gu làr,
na each air an t-sràid is crùidhean air.

Mo mhallachd aig gille 'nam dhèidh gu bràth,
a bheireadh a bhriogais a shuirighe leis.

'S e 'n t-fhèileadh beag preasant a b'fhasanta leam,
gu suidh' ann an cùirt na nìghneagan.

Seinneadairean / Performers

Rona Lightfoot

Rona Lightfoot

Rugadh Rona Lightfoot, Rona Eàrdsaidh Raghnaill, air 17 Giblean, 1936, agus thogadh i ann an Gearraidh Sheillidh an Uibhist a ...

Fiosrachadh air Rona Lightfoot / Learn more about Rona Lightfoot

Stiùireadh a’ BhBC

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.