Mo Mhallachd aig na Caoraich Mhòr

Òran air a sgrìobhadh le: Eòghainn MacDhonnchaidh agus air a sheinn le: Eòsaph MacAoidh.

This is a song written by: Eòghainn MacDhonnchaidh and sung by: Eòsaph MacAoidh.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Mo mhallachd aig na caoraich mhòr,
Càit bheil clann nan daoine còir?
Dhealaich rium nuair bha mi òg,
Man robh Dùthaich 'ic Aoidh na fàsach.

Tha tri fichead bliadhn' is trì
On a dh'fhàg sinn Dùthaich Mhic Aoidh
Càit bheil gillean glan mo chrìdh',
'S na nighneagan cho bòidheach?

Loch mo chridhe fhuair thu bàs,
Ma fhuair thu ceartas fhuair thu blàths;
Gun caill an Donas an làmh cheàrr
Mur bi e càirdeil còir riut.

Andersonaich bh'air an ceann,
On thog an t-seilcheag suas a cheann,
An t-àit' as mios', on cha' thu ann,
Cha d'fhuair e ceàrd cho mòr riut.

Bhain-Diùc Chataibh, bheil thu 'd shìth?
Càit bheil nis do ghùntan sìod'?
Do chùn iad thu bhon fhoil 's bhon fhrìd
Tha 'g itheamh measg nan clàraibh?

Shellair bhioraich tha san ùir,
Ma fhuair thu 'n gràs ris 'n robh do dhùil,
'N teine leis do chuir thu 'n tuath fo ruaig
Tha fuaim aig nis ri d' fheusaig.

Ceud Diùc Cataibh le chuid foill,
'S le chuid càirdeas do na Goill,
Gum b' ann an Iutharn 'n robh do shàil,
'S gum b'fheàrr leam Iùdas làmh rium.

O mo mhallachd aig an sguad
A chuir Clann Mhic Aoidh fo ruaig,
On a' mhonadh gus a' chuan,
Gun taigh, gun buail', gun chrò ac'.

Seinneadairean / Performers

Eòsaph MacAoidh

Rugadh Eòsaph MacAoidh ann am Mealanais, ann an Cataibh, air 12 Ògmhios, 1909. Bhuineadh athair, Iain Uilleam MacAoidh, do Mhealanais agus bha a mhàthair, Seasaidh ...

Fiosrachadh air Eòsaph MacAoidh / Learn more about Eòsaph MacAoidh

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.