Mo Ghille Dubh

Òran air a sgrìobhadh le: Eanraig MacIlleBhàin (Fionn) agus air a sheinn le: anna philips, anna s. nicDhòmhnaill, iseabail m. nicLaomainn agus rae bhoidhd.

This is a song written by: Eanraig MacIlleBhàin (Fionn) and sung by: anna philips, anna s. nicDhòmhnaill, iseabail m. nicLaomainn and rae bhoidhd.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Sèist / Chorus

Mo thruaigh mi mar tha mi an-diugh
Mo thruaigh mi 's gur muladach
'S e an gaol a thug mi an gille dhubh
A rinn an-diugh mo leònadh.

Gun tug mi spèis don àrmann
Am bothan beag na h-àirigh
'S e cuimhneachadh an-dràsta air
A dh'fhàg mi dubhach brònach.

Mur faigh mi e mar chèile
Nì tuireadh 's bròn mo lèireadh
'S gun nì san t-saoghal nì feum dhomh
Às eugmhais gaol an òigeir.

Ged tha mi nis gu cràiteach
'S a' caoidh on rinn thu m' fhàgail,
Gur tric a bha mi làmh riut,
'S mo chridhe snàmh an sòlas.

O, thug mi gràdh nach caochail
Do dh'òigear an fhuilt chraobhaich;
'S a-nis mur dèan mi fhaotainn,
Gur neoni 'n saoghal dhomhsa.

Gur tric a bha sinn mùirneach
Ged tha mi an-dràsta gu tùrsach
'S ma 's e 's gun tug e cùl rium
San ùir bidh m' àite-còmhnaidh.

Stiùireadh a’ BhBC

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.