Mo Ghaol An Tè Nach Dìobair Mi (Màiri Ghreannar)

Òran air a sgrìobhadh le: Coinneach MacCoinnich agus air a sheinn le: Art MacCarmaig agus Iain MacLeòid (Iain Ruadh Phàdraig).

This is a song written by: Coinneach MacCoinnich and sung by: Art MacCarmaig and Iain MacLeòid (Iain Ruadh Phàdraig).

Facail an Òrain / Song Lyrics

Mo ghaol an tè nach dìobair mi
Cho fad 's a dhèanadh fìrinn e
Gun aithnichinn ceum na h-ighneig
Measg nam mìltean air a' chabhsair.
Mo ghaol an tè nach dìobair mi.

Shaorainn, shaorainn, shaorainn thu
Air m' fhacal fhìn gu faodainn sin
Nan creideadh clann nan daoine mi
Gu saorainn Màiri Ghreannmhor.
Mo ghaol an tè nach dìobair mi.

Shaorainn agus shòrainn thu
Mhionnaichinn agus bhòidichinn
Nach d'fhuair mi riamh de eòlas ort
Mar tug mi greis air cainnt riut.
Mo ghaol an tè nach dìobair mi.

Shaorainn fhìn gun teagamh thu
Ged b' ann air bheulaibh seiseine
Is nam b' e b'fheàrr gum pòsadh mi
B' e tu mo cheud bean-bainnse.
Mo ghaol an tè nach dìobair mi.

Tha falt bachlach, dualach ort
Gu bhàrr a' fàs na chuaileinean
Do phòg mar mhil nam bruachagan
'S do shnuadh air dhreach an t-samhraidh.
Mo ghaol an tè nach dìobair mi
Cho fad's a dhèanadh fìrinn e
Gun aithnichinn ceum na h-ighneig
Measg nam mìltean air a' chabhsair
Mo ghaol an tè nach dìobair mi.

Seinneadairean / Performers

Iain MacLeòid (Iain Ruadh Phàdraig)

Rugadh Iain MacLeòid, Iain Ruadh Phàdraig, (1907-1979) anns a' Bhuail' Uachdrach anns an Iochdar, Uibhist a Deas. 'S ann às an ath bhaile, a' Bhuaile Dhubh, a ...

Fiosrachadh air Iain MacLeòid (Iain Ruadh Phàdraig) / Learn more about Iain MacLeòid (Iain Ruadh Phàdraig)
Art MacCarmaig

Art MacCarmaig

Rugadh agus thogadh Art anns an Eilean Sgitheanach far a bheil e fhathast a' fuireach, ann am Port Rìgh, còmhla ri a bhean, Shona, agus ...

Fiosrachadh air Art MacCarmaig / Learn more about Art MacCarmaig

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.