Mo Chridhe Trom 's Duilich Leam

Òran air a sgrìobhadh le: Gun Urra agus air a sheinn le: anne marie nicPhilip agus Mairead McLeman.

This is a song written by: Gun Urra and sung by: anne marie nicPhilip and Mairead McLeman.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Mo chridhe trom 's duilich leam,
Gur muladach a tha mi,
Mo chridhe briste, brùit’,
Ach air mo shùil chan aithnich càch sin.
Mo chridhe trom 's duilich leam.

Nuair chunnaic mise an toiseach thu
Nad shuidh' air stòc a' bhàta,
'S e còig bliadhn' deug a dh'aois bha mi
A ghaoil nuair thug mi gràdh dhut.
Mo chridhe trom 's duilich leam.

Nuair chaidh mi chun a' chladaich leat
'S a dh'amhairc mi nad bhàta,
Gu robh mo chridhe a' caoineadh
Ged a rinn mi faoin an gàire.
Mo chridhe trom 's duilich leam.

Cuimhnich air do bhòidean rium
An Steòrnabhagh a bha sinn,
'S ann air taobh muigh an Royal
Thug thu bòid dhomh nach do phàigh thu.
Mo chridhe trom 's duilich leam.

Cuimhnich air do bhriathran rium
Diciadain sìos am Bràighe,
Nach fhaiceadh Dia na daoine,
Bean mo chaochlaidh air do ghàirdean.
Mo chridhe trom 's duilich leam.

Ma 's e 's gun tug thu fuath dhomh,
'S a luaidh ma rinn thu m' fhàgail,
Chan fhad gun dèan an sluagh
Anns a' chiste fhuair mo chàradh.
Mo chridhe trom 's duilich leam.

Ach on a rinn thu caochladh
Air faondradh rinn thu m' fhàgail;
On mheall thu le do ghaol mi
Chan fhaod mi bhith mar bha mi.
Mo chridhe trom 's duilich leam.

Seinneadairean / Performers

Mairead McLeman

Mairead McLeman

Rugadh Mairead McLeman air a' Bhac, Leòdhas, nighean le Aonghas Stiùbhart, Aonghas Upsan bhon a' Bhac, agus Criosaidh Mairead NicLeòid, Nighean Ìonag, à Col. Tha ...

Fiosrachadh air Mairead McLeman / Learn more about Mairead McLeman

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.