Mìrean Mìrean Miug Miug

Òran air a sgrìobhadh le: Gun Urra agus air a sheinn le: Còisir Ghàidhlig Ìleach Ghlaschu agus còisir bhun-sgoil knightswood.

This is a song written by: Gun Urra and sung by: Còisir Ghàidhlig Ìleach Ghlaschu and còisir bhun-sgoil knightswood.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Mìrean, mìrean, miùg, miùg,
Mìrean, mìrean, miùg, miùg,
Mìrean, mìrean, miùg, miùg,
Aran is ìm is càise.

Aran is ìm is miùg is mìrean,
Aran is ìm is miùg is mìrean,
Aran is ìm is miùg is mìrean,
Aran is ìm is càise.

Siud an rud a thogadh m' fhonn,
Crònan a' ghille Mhuilich
Siud an rud a thogadh m' fhonn,
Crònan a' ghille Mhuilich.

Crònan a' ghille mhaoil,
Crònan a' ghille Mhuilich.
Amaideachd a' ghille mhaoil,
Faoineas a' ghille Mhuilich.

Riobanan rìomhach nighean an fhìdhleir,
Còta dimitidh, beatagun caileago,
Riobanan rìomhach nighean an fhìdhleir,
Còta sìoda air Màiri.

Brògan àrda, còta sgàrlaid,
Còta dimitidh, beatagun caileago,
Brògan àrda, còta sgàrlaid,
Riobanan rìomhach Màiri.

Seinneadairean / Performers

Còisir Ghàidhlig Ìleach Ghlaschu

Chaidh Còisir Ghàidhlig Ìleach Ghlaschu, tè de phrìomh chòisirean na Gàidhlig, a stèidheachadh anns a' bhliadhna ...

Fiosrachadh air Còisir Ghàidhlig Ìleach Ghlaschu / Learn more about Còisir Ghàidhlig Ìleach Ghlaschu

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.