Mac Òg An Iarla Ruaidh

Òran air a sgrìobhadh le: Gun Urra agus air a sheinn le: còisir ghàidhlig sgìre nan loch (Mnathan), còisir àrd-sgoil phort rìgh agus Donella NicLeòid.

This is a song written by: Gun Urra and sung by: còisir ghàidhlig sgìre nan loch (Mnathan), còisir àrd-sgoil phort rìgh and Donella NicLeòid.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Sèist / Chorus

Hillinn, illinn iu ho rò,
Hillinn, illinn iu ho rò,
Hillinn, illinn iu ho rò,
Hillinn ò hug o rò i.

Cha tèid mise chaoidh lem dheòin
Gu mac òg an Iarla Ruaidh;
Gus an cuir a' bheinn ud shìos
Cùlaibh ris a' bheinn ud shuas.

Cha tèid mise chaoidh lem dheòin
Gu mac òg an Iarla Ruaidh;
Gus an dèan an eala bhàn
Nead gu h-àrd air bhàrr nan stuadh.

Cha tèid mise chaoidh lem dheòin
Gu mac òg an Iarla Ruaidh;
Gus an cuir am bradan breac
Trì chuir mhear an crò nan uan.

Thog a muime thall a ceann
"'S gòrach leam do chainnt, a luaidh;
Bheir thu gaol ro Fhèill an Ròid
Do mhac òg an Iarla Ruaidh.

Cainnt nan òg-bhean tha mar dhrùchd
A nì grian a shùghadh suas;
Mun tig Samhain bidh tu pòsta
Aig mac òg an Iarla Ruaidh".

A' bheinn ud shìos 's a' bheinn ud shuas
Cha do charaich riamh 's cha ghluais;
Ach thug Màiri gaol gun ghò
Do mhac òg an Iarla Ruaidh.

Tha an eala gur san eilean bhàn,
'S am bradan tàrr-gheal feadh a' chuain;
'S tha Màiri nis na cèile pòsta
Aig mac òg an Iarla Ruaidh.

Seinneadairean / Performers

Donella NicLeòid

Rugadh Donella NicLeòid ann an Steòrnabhagh air 3 Dàmhair, 1963. Ged a bha dachaigh an teaghlaich ann an Glaschu aig an àm, thill a màthair, ...

Fiosrachadh air Donella NicLeòid / Learn more about Donella NicLeòid

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.