Ma Phòsas Mi Idir Cha Ghabh Mi Tè Mhòr

Òran air a sgrìobhadh le: Lachann Mac an Lèigh (Lachann Dubh a' Chrògain) agus air a sheinn le: Ruairidh Caimbeul.

This is a song written by: Lachann Mac an Lèigh (Lachann Dubh a' Chrògain) and sung by: Ruairidh Caimbeul.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Sèist / Chorus

Ma phòsas mi cha ghabh mi tè mhòr,
Cha phòs, cha taobh, cha ghabh mi tè mhòr,
Ma phòsas mi idir cha ghabh mi tè mhòr,
'S ro bheag a tè dh'fhòghnas dhomh-sa.

Cha ghabh mi tè mhòr, cha gabh mi tè àird,
'S fheàrr leam tè bheag a bhios faisg air an làr,
Cha ruiginn a leas a dhol fad' air a sgàth,
Cur uisge na sàil nam bhrògan.

Mo cheist air an ainnir is meallaiche sùil,
Do shlios mar an eala, 's gur math thig dhut gùn,
Gruaidh dhearg is rosg tana, 's glan sealladh do shùl,
'S gum mealladh tu diùc led bhòidhchead.

Cha ghabh mi 'n tè shrideagach, shradagach ruadh
A chumas an cogadh 's am mallachadh suas;
Nam biodh i agam, 's ann chuirinn i bhuam,
B' e turas gun bhuaidh a pòsadh.

Seinneadairean / Performers

Ruairidh Caimbeul

Ruairidh Caimbeul

Rugadh Ruairidh Caimbeul, Ruairidh Pheter Ruairidh, anns an Nasg am Barraigh, air 22 Ògmhios, 1937. B' i Theresa NicIain, Tèireag Aonghais Chaluim, a mhàthair agus ...

Fiosrachadh air Ruairidh Caimbeul / Learn more about Ruairidh Caimbeul

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.