Luchd nam Breacan

Òran air a sgrìobhadh le: Gun Urra agus air a sheinn le: Ina NicRisnidh agus Iseabail Nic an t-Sagairt.

This is a song written by: Gun Urra and sung by: Ina NicRisnidh and Iseabail Nic an t-Sagairt.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Sèist / Chorus

Hill ò hi rì hug òrionnan,
Hill ò hi rì rì hòrionn ò,
Hi rì hill ò hug òrionn ò,
Hill-i ò hi rì rì hòrionnan.

Luchd nam breacan, clann nam beannaibh,
'S an Camshronach mòr an ceannard;
'S tric thug teicheadh air na Frangaich
Mar ri caoraich feadh nan gleanntan.

'S ann san armailt ud tha m' eudail,
Fear chinnidh àird 's a shùil mar reultan,
Claidheamh mòr na dheas làimh threubhaich
Lasradh an aghaidh na grèine.

'S e mo ghaol an t-òigeir fìnealt,
Foghainteach, eireachdail is dìleas,
'N ciad sa bhlàr, san t-seilg, san ruidhl' thu,
Gaol gach cridh' an cùirt an Rìgh thu.

Seinneadairean / Performers

Ina NicRisnidh

Ina NicRisnidh

Rugadh Ina NicRisnidh ann an Suaineabost, Nis sa bhliadhna 1947. B' i an t-siathamh duine cloinne a-mach à teaghlach de sheachdnar a bha aig a' Phuilean agus ...

Fiosrachadh air Ina NicRisnidh / Learn more about Ina NicRisnidh
Iseabail Nic an t-Sagairt

Iseabail Nic an t-Sagairt

Rugadh agus thogadh Iseabail Nic an t-Sagairt ann an Ìle, air fearann an teaghlaich aig Ceann Tràigh, san ...

Fiosrachadh air Iseabail Nic an t-Sagairt / Learn more about Iseabail Nic an t-Sagairt

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.