Leòdhas mo Ghràidh

Òran air a sgrìobhadh le: Murchadh Moireasdan (Murchadh a' Bhocs) agus air a sheinn le: Anna Nic na Ceàrdaich, Kathleen NicDhòmhnaill agus Kitty NicLeòid.

This is a song written by: Murchadh Moireasdan (Murchadh a' Bhocs) and sung by: Anna Nic na Ceàrdaich, Kathleen NicDhòmhnaill and Kitty NicLeòid.

Facail an Òrain / Song Lyrics

O seinnidh mise rann air an fhonn seo an-dràst',
Bu toigh le ar sinnsir, b' iad laoich nam beann àrd,
'S a-chaoidh do thìr nan Gàidheal mo spèis-sa bidh buan,
'S don eilean laigheas àlainn sa cheàrnaidh mu thuath.
Leòdhas mo ghràidh.

Tha 'n cuan an iar ga chuartach 's a' bualadh ri thràigh,
'S na caoil cluinnear nuallan is fuaim a' mhuir làn,
Gu fasgadh nam mòr-bheann thig na h-eòin bhàrr a' chuain,
Don eilean laigheas àlainn sa cheàrnaidh mu thuath.
Leòdhas mo ghràidh.

Nuair dh'iathas ceò na h-oidhch' anns na glinn, 's air gach blàr,
Gur sàmhach is ciùin iad, 's gach dùil annt' nan tàmh,
'S gun bhriseadh air an t-sàmhchair ach dàn coilich-ruaidh,
San eilean laigheas àlainn sa cheàrnaidh mu thuath.
Leòdhas mo ghràidh.

Tha sluagh ann tha bàidheil is càirdeil gun ghruaim,
Is laoich a tha làidir 's gach càs a bhiodh cruaidh.
Bratach na Gàidhlig gu bràth cumar suas,
San eilean laigheas àlainn sa cheàrnaidh mu thuath.
Leòdhas mo ghràidh.

Cha tèid mi dhèanamh tàire air àit' fo na neòil,
Is toigh leam tìr nan Gàidheal, a cànain 's a ceòl,
Ach don àit' san deach m' àrach mo ghràdh-sa bidh buan,
'S don eilean laigheas àlainn sa cheàrnaidh mu thuath.
Leòdhas mo ghràidh.

Seinneadairean / Performers

Kathleen NicDhòmhnaill

Kathleen NicDhòmhnaill

Ged a rugadh Kathleen NicDhòmhnaill agus a triùir pheathraichean ann an Darlington an Siorrachd Durham thàinig iad a dh'fhuireach a Shiadar air taobh siar Leòdhais ...

Fiosrachadh air Kathleen NicDhòmhnaill / Learn more about Kathleen NicDhòmhnaill
Kitty NicLeòid

Kitty NicLeòid

Anns a' bhliadhna 1914, rugadh Kitty NicLeòid anns na h-Innseachan, far an robh a h-athair Coinneach MacLeòid, Coinneach Aonghais Ruaidh no A' Gheinn, à Adabroc ...

Fiosrachadh air Kitty NicLeòid / Learn more about Kitty NicLeòid
Anna Nic na Ceàrdaich

Anna Nic na Ceàrdaich

'S ann ann an Inbhir Ghrainnse a thogadh Anna Nic na Ceàrdaich ach buinidh a teaghlach do ...

Fiosrachadh air Anna Nic na Ceàrdaich / Learn more about Anna Nic na Ceàrdaich

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.