Leis an Lurgainn

Òran air a sgrìobhadh le: Gun Urra agus air a sheinn le: an teaghlach rankin agus còisir (Òigridh).

This is a song written by: Gun Urra and sung by: an teaghlach rankin and còisir (Òigridh).

Facail an Òrain / Song Lyrics

Sèist / Chorus

Leis an lurgainn o hì
Leis an lurgainn o hò
Beul an anmoich o hì
'S fheudar falbh le cuid sheòl.

An Cuan Eirinn o hì
Muir ag èirigh o hò
'S cha bu lèir dhuinn o hì
Nì fon ghrèin ach na neòil.

Suas a h-aodach o hì
Ri croinn chaola o hò
Snàmh cho aotrom o hì
Ris an fhaoilinn air lòn.

Fhuair sinn fosgladh o hì
Ma ceann toisich o hò
Fear ga taomadh o hì
'S gillean coltach air bòrd.

Stiùireadh a’ BhBC

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.