Latha Chùil Lodair

Òran air a sgrìobhadh le: Iain Ruadh Stiùbhart agus air a sheinn le: Eilidh NicChoinnich agus gillian nicChoinnich.

This is a song written by: Iain Ruadh Stiùbhart and sung by: Eilidh NicChoinnich and gillian nicChoinnich.

Facail an Òrain / Song Lyrics

O gur mise th' air mo chràdh
Thuit mo chridhe gu làr
'S tric snighe gum shail om leirsinn,
Dh'fhalbh mo chlaisneachd bhuam -
Cha chluinn mi san uair
Gu mall na gu luath nì 's èibhinn.

Mu Phrionns' Teàrlach mo rùin,
Oighre dhligheach a' chrùin
'S e gun fhios gu dè 'n taobh an tèid e
Fuil Rìoghail nam buadh
Bhith ga dìobairt san uair
'S mac diolain le sluagh ag èirigh.

Sìol nan cuilean a bha
Gu ro-mhath chinnich an t-àl;
Chuir iad sinn ann an càs na h-èiginn,
Ged a bhuainnich sibh blàr
Cha b' ann de 'r cruadal a bha
Ach gun ar sluagh-ne bhith 'n dàil a chèile.

Seinneadairean / Performers

Eilidh NicChoinnich

Eilidh NicChoinnich

Rugadh Eilidh NicChoinnich ann an Goillspidh ann an 1967 agus ghluais an teaghlach gu Leòdhas nuair a bha i ceithir bliadhna a ...

Fiosrachadh air Eilidh NicChoinnich / Learn more about Eilidh NicChoinnich

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.