Latha Bealltainn

Òran air a sgrìobhadh le: An t-Urr. Donnchadh MacIllEathain agus air a sheinn le: Alasdair Codona.

This is a song written by: An t-Urr. Donnchadh MacIllEathain and sung by: Alasdair Codona.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Thriall an geamhradh, thriall an t-earrach,
Thriall gach gruamaich, fuachd is gailleann;
Speuran dorcha, gaothaibh fuaimneach,
Glìb is sneachda, thriall mu thuath iad.

Tha gach sliabh bha lom is seacta,
Tha gach gleann bha geal le sneachda;
'M fireach àrd, an srath 's na cuantan
Ri gàirdeachas on thriall am fuachda.

Cluinnear canntaireachd 's gach coille
Tha deise bhainnse air gach doire;
Eòin ri sùgradh, sprèidh ri mire,
Bric a' leum 's gach poll is linne.

Cluinnear anns a' choill' an smùdan,
'N coileach-dubh air gèig a' dùrdail,
An dreathan-donn le òran siùbhlach,
Is fagas dhith an druid 's am brù-dhearg.

Os ar cionn gu h-àrd san iarmailt,
Le port sunndach, suilbhir, èasgaidh,
Cluinnear ged nach fhaic an riabhag,
'S càit' an cluinnear ceòl cho ciatach?

'S cluinnear ann am frìth an fhàsaich
'N damh-donn a' langanaich gu h-àrda
'N eilid ghlan, a leannan gràdhach.
'S an laoidhean beag a' mire làmh ri.

'S chithear clann ri taobh gach alltain
Deasach' cuirm air Latha Bealltainn;
Ach chan ìobair iad do Bhelus
Ge d' thug an sinnsear aon uair gèill dha.

Tha deagh ghean air gach ainmhidh 's creutair
Bhos air thalamh, shuas 's na speuran;
Tha beatha teachd o shlios na grèine
A' toirt misneach dhaibh is spèirid.

Faic na raointean, faic na cluaintean,
A' bòcadh mach le feur is luachair!
Braonain 's clanna bheag gan cnuasachd,
'S a' sireadh nead an còs nam bruachag.

Feuch trom dhealt air bàrr gach feòirnein!
'N talamh breacaichte le neòinein!
An facas riamh thug bàrr am bòidhchead
Air a' bhrat gach àit' a chòmhdaich.

Nach eutrom iollagach, 's nach uallach
Ceum na h-ainnir dol don bhuaile!
Dol a bhleoghainn a' chruidh ghuailinn
'S an t-àl òg na còir gu guanach.

'S nach sunndach, sgairteil ceum a' bhuachaill'
A' dìreadh nam màm 's nam fuarbheann!
Le choin dhìleas, ullamh, fhuasgailt'
On a thriall an sneachd 's am fuachda.

Ceud fàilte ort, a Bhealltainn aobhach!
Bhealltainn shnodhach, bhliochdach, ghaolach,
Mhineineach, uanach, laoghach,
A' mireag air gach làimh is taobh dhinn.

Ach cha mhair thu ach rè sealainn,
'S cha mhair an t-earrach ach car tamaill;
'Ur grian 's ur blàth chan fhad a mhaireas,
Thig dubhar orra, ceò is smalan.

Thig àm nach cluinnear ceòl 's a' choillidh,
An searg an trusgan air gach doire;
Tha 'n geamhradh teachd 's cha dèan e moille
Le ghnùis stoirmeil, ghruamaich, dhoilleir.

Cliù gu robh do Dhia na tròcair
D'a phoball taghta samhradh dh'òrdaich,
Grian a dheàlraicheas an-còmhnaidh
Air nach laigh smal an rìoghachd na glòire.

Tìr an àigh, a' ghràidh, 's a chaoimhneis,
Tìr tha ghnàth gu soilleir, soillseach;
Tìr nam beannachd, tìr an aoibhneis
Gun fheum air solas grèin no coinnle.

Tìr nam fonn nach caill am mìlseachd
Tìr nan òran do gach sgìthich;
Tìr a' chiùil nach sguir gu dìlinn
Tìr nan aingeal is nam fìrean.

Tìr nan crann nach caill an àileachd,
Gorm is ùrar bhios gu bràth iad;
Croinn le 'n duilleach a bheir slàinte
Tìr nan aibhnichean nach fàilnich.

Tìr an t-samhraidh chaoidh a mhaireas,
Tìr gun fhuair-dhealt, gun chlach-mheallain;
Tìr gun osna, deur no smalan,
Gun fhuachd geamhraidh no tart earraich.

Tìr san ìobair cliù gu sìorraidh,
Do Thrì Pearsaidhean na Diadhachd,
An Tì a chuir, an Tì a riaraich
Na bha lagh is còir ag iarraidh.

Nach sona iadsan a gheibh coir oirr'!
Feitheamh orr' tha uallach glòire;
Tobraichean tha làn do shòlas
Mar ri Dia gu sìor an còmhnaidh.

Seinneadairean / Performers

Alasdair Codona

Alasdair Codona

Rugadh agus thogadh Alasdair Codona ann an Glaschu. B' e athair a thog ùidh anns a' Ghàidhlig bho thùs agus dh'ionnsaich e Gàidhlig anns an ...

Fiosrachadh air Alasdair Codona / Learn more about Alasdair Codona

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.