Laoidh Mhoire Mhaighdeann

Òran air a sgrìobhadh le: Sìleas NicDhòmhnaill (Sìleas na Ceapaich) agus air a sheinn le: Mairead NicNèill.

This is a song written by: Sìleas NicDhòmhnaill (Sìleas na Ceapaich) and sung by: Mairead NicNèill.

Facail an Òrain / Song Lyrics

'S e do bheatha Mhoire Mhaighdeann
O 's gile do Mhac na ghrian;
Rugadh am Mac an aois Athar
Oighre Fhlathanais gar dìon.

'S ìosal an ceum thug ar Slànair
A nuas o Phàrras gu talamh
Nuair a rugadh E san stàball
Gun tuilleadh àite dha falamh.

Cha d' iarr ban-rìghinn na h-ùmhlachd
Fùirneiseachadh, rùm na seòmar;
Cha mhò dh'iarr i mnathan-glùine,
Ach Rìgh nan Dùl bhith ga còmhnadh.

'S èibhinn an sealladh a fhuair i
Nuair thàinig E nuas à colainn;
Rothaill i 'n anartaibh bàna
An Slànair thàinig gar ceannach.

Cha d' iarr Macan na h-uaisle
Cuision na cluasag na leabaidh,
Gus an d' èirich leis a' mhàthair
Ga chur sa mhainnseir na chadal.

Chruinnich na buachaillean bochda
Ghabhail beachd air anns an tìm sin,
Chur misneach an lag 's an làidir
Bhith cho dàna air an Rìgh sin.

Shoillsich rionnag anns an adhar,
Rinn rathad do na trì rìghribh
Thàinig ga ionnsaidh le h-àbhachd,
Gaol is gràdh is fàilte 's fìrinn.

Nuair chuala Hèrod an àrdain
An Tàrganach teachd gu talamh,
Cha d' fhàg e macan aig màthair
Gun a chur gu bàs an ealachd.

Cha d' fhuirich E ach ri seachdain
An dèidh a ghearradh san Teampall,
Gun fhalbh a dh'oidhche 's a latha
Don Èipheit a ghabhail tàmha.

Bha E ann an sin ri tamall
Ga altrum agus ga àrach,
Ann an gaol 's an gràdh 's an dùrachd
Fo chùram Athar 's a mhàthar.

Nuair chuala iad gun d' eug Hèrod
Smuainich iad ceum a thoirt dhachaidh;
Aig fhad 's a rinn iad am fàgail,
Bu mhiann leò an càirdean fhaicinn.

Dh'imich iad nan triùir an rathad
'S bha iad a' caitheamh na slighe:
Sùil dan tug iad thar an guaillibh,
Dh'ionndraich iad uap am Messia.

'S iad a bha gu brònach duilich
Nuair nach b' urrainn iad ga fhaotainn,
'S a' mheud 's a rinn iad ga shireadh;
Bu dubhach bha iad as aonais.

Air dhaibh dol deiseal an Teampall
Dh'aithnich iad a chainnt gu beòthail,
Eadar na dotairean teagaisg -
Bu deas a thigeadh dha labhairt.

Sin 'n uair a labhair a mhàthair:
"Cionnas a thàinig dhuit tighinn?
'S tùrsach a rinn Thu ar fàgail
Na trì là bha sinn gad shireadh."

"Mhàthair, na biodh ort-sa mulad
Ged a dh'fhuirich mi an Teampall:
Seirbhis m' Athar ann am Flaitheas,
'S fheudar dhomh feitheamh 's gach àm dhi.

"'S iomadh latha fuachd is acrais,
Siubhail is seachrain is imeachd,
Th' agam-sa ri fhulang fhathast
Mun tèid mo ghnothach gu finid.

"Fuilgidh mi 'n toiseach mo bhaisteadh
Agus traisgeadh anns an fhàsach;
Fuilgidh mi nàimhdean gam bhualadh,
Gam bhuaireadh is gam phàgadh.

"Fuilgidh mi breith agus binn,
'S mo dhìteadh le fianais bhrèige;
Seallaidh mi gu h-umhal ìosal
Agus strìochdaidh mi don eucoir.

"Mo chur o Phìleat gu Hèrod,
Dh'innse sgeula mar a b' àill leò;
Nuair nach dèan mi mar bu mhath leò
Cuirear deis den anart bhàn orm."

Cha b' fhad a dh'fhuirich E aca,
Nuair thriall E dhachaigh ga mhuinntir;
Bheannaich E 'n t-suipear is bhlais i
'S rinn E 'n sin an casan ionnlad.

Nuair dh'aithnich E 'm bàs dha rìreadh,
Dh'fhàg E dìleab aca deònach:
O nach d' fhaod E aca fuireach,
Bheannaich E fhuil agus fheòil dhàibh.

Rinn E anns a' ghàirdin ùrnaigh,
Chuir gu dlùth dheth fallas fala;
Dh'fhuiling E an sin a sgiùrsadh
'S an crùn a chur air gu daingean.

Thilg iad smugaid ann a aodann,
Gabhail air gach taobh len deàrnaibh;
Ghiùlain E chrois air a ghualainn,
'S chaidh chur suas eadar dhà mheàirleach.

Ghlac E 'n cup 's an robh an t-searbhag
Sealan beag mun d' fhalbh an anail;
Thug E maitheanas da nàimhdibh,
'S liubhair E don Àrd-rìgh anam.

Thug iad a-nuas as a' chrois E
'S liubhair iad a chorp da mhàthair,
I fhèin 's na bha aice mhuinntir;
Rinn iad anns an ùir a chàradh.

Aig fheabhas rinn thu a ghlèidheadh,
Dol leis a latha 's a dh'oidhche,
Aig fheabhas rinn thu air feitheamh,
'S e do bheatha, Mhoire Mhaighdeann.

Seinneadairean / Performers

Mairead NicNèill

Rugadh Mairead NicNèill, Mairead Fhorbais, air 27 Dùbhlachd ...

Fiosrachadh air Mairead NicNèill / Learn more about Mairead NicNèill

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.