Laoidh Chaluim Chille

Òran air a sgrìobhadh le: An Ridire Arailt Boulton agus air a sheinn le: còisir ghàidhlig bhaile ghobhainn agus Còisir Ghàidhlig Bhaile Ghobhainn.

This is a song written by: An Ridire Arailt Boulton and sung by: còisir ghàidhlig bhaile ghobhainn and Còisir Ghàidhlig Bhaile Ghobhainn.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Sèist / Chorus

Glòir don Athair, don Mhac 's don Spiorad ro naomh
Fad shaoghal nan saoghal, Amen.

Cuiridh facal do bhàidh ana-Criosdaidh gu nàir',
Caisbheart Soisgeul nan Gràs oirnn gach uair;
Sgiath a' Chreideimh gar dìon bho làimh ana-miann,
Claidheamh spioradail diadhaidh ar buaidh.

Nis sàbhailt' air tìr bheir sinn adhradh don Tì,
Do dh'Athair na Glòrach ar Rìgh;
Bho Èirinn gu Alb' ar lochran 's ar n-earbs'
Feadh aisridhean gàbhaidh a' chuain.

An Doire choillteach mo ghràidh thug sinn anmoch is tràth
Adhradh don ainm thar gach ainm.
O taing dhut, a Dhia, thug dhuinn eòlas na Trian
Ann an eileanan cianail a' chuain.*

Beannaich Thusa mo thaigh, a Thrionaid ro mhìn,*
A Mhoire 's a Mhìcheil 's a Bhrìghd',
Bho mhullach gu bonn, gach spàrr agus crann,
Is an sluagh a nì tuinneachadh ann.

* bhàis ann an cuid de dh'àiteachan
* naomh ann an cuid de dh'àiteachan

Eadar-theangaiche: An Athair Urr. Iain Mac a ' Mhaoilein

Seinneadairean / Performers

Còisir Ghàidhlig Bhaile Ghobhainn

Còisir Ghàidhlig Bhaile Ghobhainn

Chaidh Còisir Ghàidhlig Bhaile Ghobhainn a stèidheachadh an Glaschu ann an 1929 agus tha e coltach gun do nochd còrr air ceud duine a' chiad ...

Fiosrachadh air Còisir Ghàidhlig Bhaile Ghobhainn / Learn more about Còisir Ghàidhlig Bhaile Ghobhainn

Stiùireadh a’ BhBC

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.