Laoidh an Iasgair

Òran air a sgrìobhadh le: Mgr. Ailean Dòmhnallach agus air a sheinn le: Maeve NicFhionghain, Norrie MacÌomhair agus Sineag Nic an t-Saoir.

This is a song written by: Mgr. Ailean Dòmhnallach and sung by: Maeve NicFhionghain, Norrie MacÌomhair and Sineag Nic an t-Saoir.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Dia bhith timcheall ar an sgothaidh
Mun imich i gu doimhneachd mara
Slig' air linne dhuinn a treuntachd
Mur eil freasdal Dè ga faire.

Faiceamaid do shoillse, Mhoire,
Nuair tha stoirm is oidhche gleac rinn;
Gura tusa Reul an Mara,
'S e fair' an èiginnich do chleachdadh.

Aingeal ghil dèan thusa iùil dhuinn
Threòraicheas ar siùbh'l feadh gharbh thonn
Sgiath do chùraim sgaoil mun cuairt duinn
Nuair chinneas gruaim air gnùis na fairge.

Guidheamaid do thaic-sa, Pheadair,
Gun thu leigeil beud nar caramh:
Chuireadh muinntir cuain nad fhreasdal
Teasraig sinn bho as-call mara.

Gura buidhe dhuinn an cosnadh
Bha na h-Ostail fhèin a' cleachdadh:
'S minig bha mac Dè nan cuideachd'
Cur an tuigse dhuinn a thlachd deth.

Dhia, beannaich dhuinn ar driamlach,
'N lìon, 's gach inneal-glacaidh th' againn;
Iomain thuca mar is iomchaidh
Sprèidh tha ' ionaltradh san aigeann.

Beannaich thusa dhuinn ar curachd,
Chan urrainn dhuinn nach tig cuibheas oirre:
Gu mealamaid a' Bheannachd Bharrach –
Toradh mara à Cuile Mhoire.

Nuair is fheudar dhuinn bhith tilleadh
Stiùir thu cinnteach sinn gu cala
Ma chuir thu oirnne seach ar feuma
Chan fhaicear leinn an dèirceach falamh.

Na leig thugainn bàs le graide,
Òrdaich sagart bhith mur timcheall;
Naomhaich led Ola 's led Chorp sinn
Mun teid anam bochd air iomrall.

Tuilleadh Fiosrachaidh

Fr Allan McDonald of Eriskay, 1859-1905, le Iain Latharna Caimbeul (Oliver and Boyd, Lunnainn, 1954 agus 1956)

Eilean na h-Òige - The Poems of Fr Alan MacDonald deasaichte le Raghnall Mac Ille Dhuibh (Mungo Books, Glaschu, 2002)

Bàrdachd Mhgr Ailein - Father Allan's Island le Amy Mhoireach (The Moray Press, Dun Èideann agus Lunnainn, 1936)

Seinneadairean / Performers

Norrie MacÌomhair

Norrie MacÌomhair

'S ann à Càrlabhagh, Leòdhas a tha Norrie 'Tàgo' MacÌomhair. Nuair a bha e 15 chaidh e do Sgoil Chiùil na Gàidhealtachd anns a' Phloc, ...

Fiosrachadh air Norrie MacÌomhair / Learn more about Norrie MacÌomhair
Sineag Nic an t-Saoir

Sineag Nic an t-Saoir

Rugadh agus thogadh Sìneag Nic an t-Saoir ann an Cille Pheadair ann an Uibhist a ...

Fiosrachadh air Sineag Nic an t-Saoir / Learn more about Sineag Nic an t-Saoir

Maeve NicFhionghain

Rugadh Maeve (Chaimbeul) NicFhionghain anns a' Ghearastan, far an robh a h-athair, Iagan Eòin Ruairidh, à Èirisgeigh, ag obair ann am Muileann Prannaidh na Corpaich. ...

Fiosrachadh air Maeve NicFhionghain / Learn more about Maeve NicFhionghain

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.