Laoidh air Bàs a Fir agus a h-Ighne

Òran air a sgrìobhadh le: Sìleas NicDhòmhnaill (Sìleas na Ceapaich) agus air a sheinn le: Anna Nic na Ceàrdaich.

This is a song written by: Sìleas NicDhòmhnaill (Sìleas na Ceapaich) and sung by: Anna Nic na Ceàrdaich.

Facail an Òrain / Song Lyrics

'S mòr mo mhulad 's mi 'm ònar,
'S mi 'm shuidhe ann an seòmar gun luaidh,
Is nach faic mi tighinn dhachaigh
Fear cumail mo chleachdaidh a suas,
Fear a dh'fhàdadh mo theine
Is a dh'èigheadh gach deireas a nuas:
On a chaidh sibh an taisgeadh
'S goirt a chaochail mo chraiceann a shnuadh.

'S tric mo shùilean ri dòrtadh
On a thug iad Mhòr-chlaich a suas,
'S nach faic mise 'n t-àite
'S an do chuir iad mo ghràdh-sa san uaigh;
Dh'fhàg sibh Anna aig a' bhaile
'S bidh mise 'ga ghearan gu cruaidh,
A' sìor-amharc a' bhalla
Aig na chuir iad i 'm falach gu buan.

'S mòr mo mhulad 's mo chùram
Nuair a shileas mo shùilean gu làr,
Nach eil spiorad na h-ùmhlachd
Ann am thaic 'ga mo ghiùlan nas fheàrr;
Gu dol air mo ghlùinibh
'S gam liubhairt do Phrionnsa nan Gràs,
On tha sgeula ro-chinnteach
Gu bheil sinn uile fo chìs aig a' Bhàs.

Chan ann gu tighinn a-rithist
Chaidh cuideachd mo chridhe-sa uam;
Gus an ruig mise iad-san
Chan fhaicear leam iad gu Là Luain:
On nach tilleadh air ur n-ais duibh,
Ach ur cnàimhean air seacadh san uaigh,
Rìgh dèan iochd ri ur n-anam
'N comh-chomann nan Aingeal tha shuas.

'S beag mo ghnothach ri fèilltibh
No dh'amharc na rèise ri m' bheò,
No m' aighear ri daoine:
Chaidh mo chuid-sa dhuibh cuide fon fhòd;
On a dh'fhalbh iad le chèile,
An dithis nach trèigeadh mi beò,
Rìgh, thoir dhomhsa bhith leughadh
Air an aithreachas gheur a bh' aig Iòb.

Nuair thig latha a' bhràtha
'S bhios na trompaidean àghmhor gan seinn,
'S thig Crìosd anns a' chathair
Gabhail cunntais is taca de chloinn,
Bidh na gobhair 's na caoraich
An sin air gach taobh dhe 'gan roinn:
'S mairg a thèid anns an teine
Nach teirig 's nach deilich rin druim.

Gheibh na caoraich an deas-làmh,
'S na gobhair am feast an làmh chlì,
'S an uair bhios Crìosd a' toirt breith:
"Thigibh dhachaidh, a chlann a rinn sìth,
Gu rìoghachd ur n-Athar
Far nach cluinn sibh ach aighear gun strì:
Sgriosar sìos a' chuid eile
Don teine nach teirig a chaoidh."

Glòir thoir do Mhac Muire
Thug e ghibht domh gun d'fhuiling mi leòn,
Thug de bhròn 's de leann-dubh dhomh
Gus na theirig de m' fhuil agus m' fheòil,
Gus an tigeadh mo Shlànair
A-rithist gam shàbhaladh beò;
Rìgh, glac m' anam an latha ud
'S thoir suas e gu Cathair a' Cheòil.

Tuilleadh Fiosrachaidh

Tha Bàrdachd Shìlis na Ceapaich, deasaichte le Colm O Baoill, air fhoillseachaidh le The Scottish Gaelic Texts Society, Dùn Èideann, 1972.

Seinneadairean / Performers

Anna Nic na Ceàrdaich

Anna Nic na Ceàrdaich

'S ann ann an Inbhir Ghrainnse a thogadh Anna Nic na Ceàrdaich ach buinidh a teaghlach do ...

Fiosrachadh air Anna Nic na Ceàrdaich / Learn more about Anna Nic na Ceàrdaich

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.